Skip to main content

‹‹‹ prev (11) Page ixPage ix

(13) next ››› [Page 11][Page 11]Searmon 1

(12) Page x -
fhuaireadh a mach i ; ach cha'n 'eil dollaidh ; oir
an taobh a stigh do dhà fhichead uair 's a h-ochd,
bithidh mise an taobh thàll do bhuairidhibh an
diabhoil; agus cha chuir 'innealan-san an ifrinn
no airthalamh trioblaid orm ni's mò." Mu'n cuaht
do thrì uairean a thìm an deigh dha tighinn do'n
tigh, thainig an tòir, agus 'nuair nach d'fhuair iad e
's an uamh, rànnsuich iad an sabhal agus an tigh,
ach cha d'eirmis iad air an àit an robh esan 'n a luidìie.
Agus an taobh a stigh do dhà fhichead uair 's a h-ochd
an deigh sin, chrìochnaich e 'thurus, an 28 là do'n
cheud mhios 1686, agus thàinig e gu bhi na fhear-
àitichidh air an tìr sin, far am bheil iadsan a ta sgith
aig fois, air dha a bhi os ceann 60 bliadhna dh'aois.
Chaidh àdhlacadh ann an cruisle Tighearn
Àchadh-na-lichd, ach, an deigh dha a bhi dà
fhichead là anns an uaigh, thàinig buidhean do
shaighdearan each agus thog iad a chorp, agus thug
iad leo e da mhìle, gu bun croich Chumnoc, far am
bheil e air àdhlacadh maille ri tuille do na mairtirich.
Mar so dh'èug Alastair Peden, a tha co iom-
raideach air son a dhiadhachd, 'èud agus a dhìs-
leachd, ach gu h-àraid air son a bhuanachadh do-
sgithichte ann an dleasnas na h-ùrnuigh, agus a
thug barrachd air na h-uile ffiu'n cualas iomradh
anns na h-amannaibh deireannach so, ann an gibht
an roimh sheallaidh gu bhi 'g innse nithe bha
gu tachairt, araon do dh' Eaglais agus do rìoghach-
dan na h-Alba agus na h-Eirinn, agus mar a ceudna
do phearsachaibh agus do theaghlaichibh. Thubh-
airt duine àraid bho chionn ghoirid, 'nuair a bha e
a' labhairt 'n a sgrìobhaidhìbh mu Mr Peden, gu'n
robh fhios gu'n thachair mòran do na nithibh a
roimh-innis e cheana, agus ged a tha muinntir mhì-
naomh, amaideach agus aingidh, a re'ir cleachdadh na
ginealaich eu-creidmheich so a' deanamh sgeig agus
magadh air na nithibh so ; gidheadh, feumaidh sinn a
chodhùnadh le Spiorad Dè, gu'n robh, gu'm bheil,
agus gu'mbì rùn an Tighearn aig an dream d'an eagal e.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence