Skip to main content

‹‹‹ prev (119)

(121) next ›››

(120)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
An Coirneal.
Cuist!
Aonghas.
Tha, gu dearbh—seadh, mate bithidh mi a’
beachdachadh—
An Caiptein.
An ainm an Aigh ! Am bheil sibh ach aig a so fhathast ?
An Coirneal.
Tha fhios agad, Aonghais, nach eil agad ach tri laithean.
Aonghas .
Bn ghle thoil leam fuireach ’s a Choille-Mhoir. Chan
eil teagamh an sin.
An Caiptein.
A dhuine chridhe ! Co ’tha ’gad bhacadh ?
Aonghas .
Chan urrainn mi fuireach ma dh ’fhagas Morag mi.
An Coirneal.
Nach d’thuirt mi riut nach i Morag a tha dhith air, ach
ban Shasunnach?
Aonghas.
O! Tha mi ’tuigsinn na cuid sin gu math. Ach tha Morag
a’ dol a phosadh Mhurchaidh Mhic Aoidh, ’s tha iad a’ cur
rompa falbh gu croit ann an Lochcarrann. ’S gu de ’m math
a bhios ann domhsa fuireach 's a Choille Mhoir leam fhin ?
An Caiptein.
Gu de ’n gnothuch a th ’aige sin ris a bhristeadh ?
114