Skip to main content

‹‹‹ prev (120)

(122) next ›››

(121)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
Aonghas .
Och! Ghabhadh sibh iongantas! Ach cuiridh mi ’n
gnothuch fa ’r comhair gu soilleir. Tha mi ’bruidhinn ris
a Chaiptein le ’r cead, o ’n is esan an t-Uachdaran a nis, a
reir coltais. Na 'n tugadh an Caiptein do Mhurchadh an t-
seann ghabhaltas aig T6r-a-Bhlair, laimh ris a ’Chroit agam
fhin aig a’ Choille-Mhoir, rachadh againn air an t-seann
aitreabh a chur air doigh, agus cha ruigeadh e fhein agus
Morag a leas mis’ fhagail, agus falbh gu iomall na talmhainn
ann an Lochcarrann.
An Caiptein.
Air m ’ fhacal fhin—mur a tu an seann—tha thu airson
cumhnant cruaidh a dheanamh learn ?
Aonghas .
Chan eil e cho cruaidh! Chan eil mi ach ag radh gu 'm
faod MacPheadrain a roghainn a’ dheanamh orm, mur toir
an Caiptein an gabhaltas aig T6r-a-Bhlair do Mhurchadh.
An Caiptein.
A dhuine an-iochdmhor !
{A’ breithneachadh.) Tha e ’tighinn ro dhan oimn—athair,
nach eil?
An Coirneal.
(A’ gaireachduinn.) Tha thu ’na theann ghlaic, a Thear-
laich. Leig thusa le Aonghas !
Aonghas .
(Gu duineil). Chan eil mise ’g iarraidh a’ Chaiptein no
duin’ eile ’nam theann ghlaic, cho fad 'sa dh'fhagas iad mi
115