Skip to main content

‹‹‹ prev (118)

(120) next ›››

(119)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
An Coirneal.
Chan ann! Chan ann 1 Saoil nach biodh sin gle
neonach.
Aonghas .
Bhitheadh e sin. Ach’s iomadh rud nehnach a tha tachairt
mn ’n cuairt an aite so, ’s na laithean a th’ann. Agus na'm
b’i Morag a bhiodh ’s an amharc aige, b’esanan dara fear a
thainig as a deigh an diugh.
An Coirneal.
(Le snodha gdire.) Na biodh curam sam bith ort, Aonghais.
’S i bana Shasunnach a tha ’sa mhnaoi uasail air am bheil
mi ’g iomradh. Tha i air chuairt ’s an eilean aig an 4m
agns na’n cluinneadh i na sgeulachdan a tha dol—mu
thiomchioll Thearlaich—tha eagal orm—nach gabhadh i e.
Am bheil thu 'tuigsinn?
Aonghas .
(A ’ fas aoibheil.) Och ! An e so duan air am bheil sibh?
O ’n doigh air an d’thkinig sibh timchioll orm, 's ann a
shaoil mi gu ’n robh sibh ag iarraidh ni-eiginn uam.
An Coirneal.
Tha sinn sin. Tha sinn ag iarraidh ort ar cuideachadh as a'
chas’s am bheil sinn, le bhi ’diultadh a bhi air do bhristeadh.
Aonghas.
Tha sibh sin—gu dearbh, tha.
An Caiptein.
(A ’ tighinn a stigh.) Cionnus ’tha cuisean a’ dol?
113
H