Skip to main content

‹‹‹ prev (111)

(113) next ›››

(112)
'S LEAM FHIN AN GLEANN
An Caiptein.
(A ’ coiseachd feadh an tighe gu mi-shuaimhneach.)
Chan eil ach cuid dhiubh, agus chan uaislean iad. Tha
daoin’ ann—daoine suarach a th’air an seideadh suas le uabhar
saibhris, nach iarr na ’s fhearr na na h-ingnean aca a chur
’s na seann teaghlaichean nasal. Tha dochas agam ann an
Ni Math nach cluinn Alice smid dheth so. Mo dhonadh air
an iomlan. ’S ann a shaoileadh sibh gu 'm bn ni eucorach
do dhuine a bhi Toirt oidhirp air cosnaidhean ura a dhealbh
airson an t-sluaigh.
An Coirneal.
Chan ann air na cosnaidhean ura 'tha iad a’ gabhail
orra bhi talach, a Thearlaich, ach air d'innleachdan gu bhi
fuadach nan croitearan le bhi 'gam bristeadh. Thuirt mi
riut o thoiseach gu robh thu 'deanamh mearachd.
An Caiptein.
Mo dhonadh air MacPheadrain ! Ciod thuige nach leigeadh
e leinn cunntas Aonghais a phaidheadh ?
An Coirneal.
Bheir sinn cothrom do Aonghas sin a dheanamh air a shon
fhein, 's theid stad an uair sin air an t-seanachas a tha dol.
An Caiptein.
Bha e trom gu leoir orm gu 'n do chuireadh grabadh 's a
mh£in iaruinn gun an tuaileas so a bhi mu m’ thimchioll.
An Coirneal.
B'e 'n grabadh sin fhein an rud a b’fhearr a thachair
riamh. No biodh curam ortsa, Thearlaich. Chan fhaod
a bhi nach faighear doigh eile air do challdachd a leasachadh.
106