Skip to main content

‹‹‹ prev (110)

(112) next ›››

(111)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
(Bruidhinn dhaoine o ’n leth am muigh.)
De 'tha so, a nis?
{Tha ’n Coikneal ’s an Caiptein a’ tighinn a stigh.)
An Coirneal.
Tha latha math ann, a Mhorag. C’kit am bheil d’athair ?
Ciamar tha thu ’Mhurchaidh ?
Morag .
Tha e ’g obair aig a’ gharadh chriche. Gheibh mi dhuibh
e ann an tiota. Am bheil thu Tighinn, a Mhurchaidh?
(Tha iad a’ dol a mach.)
An Caiptein.
'S fhearr dhuibhse, athair, an comhradh a ghabhail os
laimh. Theid e ’na shradagan ma bhruidhneas mise ris.
An Coirneal.
Seadh, mata ! Chan innis mi dha gu’n do dhiixlt
MacPheadrain an t-airgiod. Paidhidh mi e roimh laimh
airson na h-obrach a tha e ’deanamh, agus bheir mi dha na
dh’fhoghnas a phaidheadh an ainbhich so.
An Caiptein.
Tha dochas agam ann an Ni Math gu’n gabh e uaibh e.
Tha Aonghas seolta ’s chan eil fhios de ni e. Dh’fhaodte
gu’n cual e fathunn. Cha bhi naidheachd fada’sgaoileadh
’s an hite so. Cuiridh mi geall gu’n cual e gu bheil na
h-uaislean ’s a’ choimhearsnachd a sios orm.
An Coirneal.
Agus nach eil e fior gu leoir gu bheil ?
105