Skip to main content

‹‹‹ prev (96)

(98) next ›››

(97)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
An Caiptein.
An aithne dhuibhse dad mu ’n chilis so, a Mhrs. Galletly ?
Feumar faotainn gu bun a ghnothuich. Co a chuir ceann an
daimh 's a’ charbad?
Aonghas .
(A ’ toirt ceum g ’ cl choinneachadh.) Le r cead, a Chaiptein
—chuir mise.
An Caiptein.
Ho! Tha thu againn mu dheireadh. Agus c 'ait an d ’fhuair
thus’ e?
Aonghas .
Fhuair mi ’n damh marbh air a’ chroit agam fhin.
An Caiptein .
Muire, fhuair ! 'S mharbh thus e, mu 'n d’fhuair thu e.
Aonghas .
Rinn mi sin.
An Caiptein.
Am bheil sibh a ’ cluinntinn sin, athair ? Ic-Pheadrain,
an cual thu e ? Tha fhios agaibh, athair na tha so a
ciallachadh.
Aonghas .
’S aithne do 'n Choirneal gu math na tha e ’ciallachadh.
Tha cead agam o ’n Choirneal fiadh a mharbhadh an drasd
's a rithist, a chum mo chuid barra a dhion, cho fad’s a tha
na bealaichean aig a’ Choille Mhoir gun an caradh.
An Coirneal.
Ach—[chan urrainn da facal tuilleadh a radh, leis a
ghdireachduinn.)
91