Skip to main content

‹‹‹ prev (95)

(97) next ›››

(96)
'S LEAM FHIN AN GLEANN
bhrodadh a lurgann le croic feidh a bha stobadh am mach a
sac fo ’n aite shuidhe. ’S chan eil sgeul air cinn nam muc.
Tha iad a nis a’ cur as leth Iain gu ’m b’ esan a spiiin an
damh.
Aonghas .
(Gu dubhach.) Och ! Och ! An do chuir mi ceann an
daimh anns a' charbad chearr? Nach b'e carbad nan roithean
dearga carbad Stockman ?
Mrs. G.
Amadain ! B ’e sin carbad MhicPheadrain. Agus chuir
thu cinn nam muc ann an carbad Stockman—tiodhlac uam
fhin gu MacPheadrain—'s cha b'ann do ’n bhaothaire
Shasunnach ud.
Aonghas .
(A ’ gaireachduinn gu cridheil.) Och ! Och !
Mrs. G.
An do chaill thu do mhothachadh ?
Aonghas .
’S mi nach do chaill, ach tha mi smaointeachadh gu de
their fear nan eun ’s an Oban nuair a chi e cinn mhuc !
Mrs. G.
Chan eil mi 'tuigsinn de 'n fhaoineas a th’ agad a nis.
Ach bidh sgeul eil agad ’nuair a gheibh an Caiptein greim
ort. Tha e air a ’ chuthach dhearg.
(An Coirneal, an Caiptein agus MacPheadrain a'
tighinn a stigh, iad fhein is Iain a' connsachadh am measg
a cheile.)
90