Skip to main content

‹‹‹ prev (94)

(96) next ›››

(95)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
[Tha iad a’ dol am much an dorus mdr. 2 ha Aonghas
a' srdideamachd feadh an tighe mar gu’m biodh e ann an
ioma-chomhairle. Tha e ’lasadh na pioba air a shocair, a
toirt an leabhair cunntais as a phbca agus ’g a leughadh le
tlachd, a’ tionndadh nan duileag.)
A h-aon ar fhichead—ochd deug ’s a deich—Seadh !
Seadh ! Tri deug ’s a deich—ochd ’s a deich—och tha
cuisean a ’ dol gu math.
{Tha e ’g a shineadh fhein gu sblasach ’s a’ chathair
mhdir.)
Mrs. G.
{A ’ tighinn a stigh an dorus mdr le cabhaig.)
Gu de air domhan so a rinn thu, a chreutair thubaisdich?
Aonghas .
De nis ’tha cearr?
Mrs. G.
Tha ’n Coirneal ’s an Caiptein ’s MacPheadrain air
tilleadh, ’s a’ cur dhiubh ri Iain am mach an sin, mar
gu ’m biodh iad air a ’ chuthach. Gu de rinn thu le cinn nam
muc?
Aonghas .
Agus nach d’fhalbh an Coirneal ’s an Caiptein leo fhein.
Cionnus a thainig MacPheadrain gu bhi ’nan cuideachd ?
Mrs. G.
Och, de ach gu ’n d’rug MacPheadrain orra a’ coiseachd
agus thug e cuireadh dhaibh tighinn a stigh do ’n charbad
comhla ris. Agus ’nuair a chaidh an Caiptein a stigh,
89