Skip to main content

‹‹‹ prev (97)

(99) next ›››

(98)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
An Caiptein.
{Le iongantas.) Athair—am bheil so fior ?
An Coirneal.
Fior gu leoir—Thug mise cead do dh’ Aonghas—
An Caiptein.
(Gu feargach.) C’uin’ a thig stad air a so? Nuair a bheir
mise ordugh seachad, bheir sibhse te a’ dol direach 'na
h-aghaidh. Gu de ’m math a bh’ann an oighreaehd a liubh-
airt domhsa, ma tha sibhse—
An Coirneal.
Bruidhnidh sinn uime sin an deidh laimh, a Thearlaich—
An Caiptein.
O seadh. An deidh laimh—an seann sgeul !
(Tha ’n Coirneal agus Iain a’ dol am mack an
dorus mor.)
MacPh .
Ach, c’ait am bheil cinn nam muc?
An Caiptein.
Seadh gu deaibh—gadachd eile !
Aonghas .
Chan eil ni agam r ’ a radh mu ’n mhuic-fheoil. Ach tha
so agam r a radh. Fhuair mi ’n deagh phris an diugh 's
an t-seomar so fhein airson ceann an daimh, agus air a thaillibh
sin thugadh cuig notaichean thar a chunntais agaibhse a
Mhr. MacPheadrain. (A’ toirt an leabhair cunntais air lorn,
s g a shineadh do ’n Chaiptein.) Chi sibh ainm Mhr. Mhic
Pheadrain ann an sin.
92