Skip to main content

‹‹‹ prev (89)

(91) next ›››

(90)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
(Tha Stockman a’ deanamh air an dorus mhdr, agus
tha Aonghas a’ dol air thoiseach air leis an t-sac. Tha
Mrs. Galletly agus MacPheadrain a ’tighinn a stigh
an dorus ciiil.
Stockman .
An d’ thainig an carbad agam fhathast a Mhrs. Galletly?
Mrs. G.
Tha e direach air tighinn.
Stockman .
Beannachd leibh mata, a Mhrs. Galletly. (n
MacPheadrain.) ’S mo bheannachd le Pharaoh, righ na
h-Eiphit. [A ’ dol am mach an dorus mor.)
Mrs. G.
Beannachd leibhse !
(MacPheadrain ’s a shuilean ’na cheann a’ sealltuinn
as a dheidh.)
MacPh.
(A ’ trusadh a chuid phaipearan far an dreasair.) Feumaidh
mise 'bhi falbh cuideachd.
Mrs. G.
Cha bhi ionndrainn an so air a h-aon agaibh. Chan eil
fhios ’am c’uin a chunna mi leithid de latha.
Aonghas .
(A’ tighinn a stigh an dorus mor le cabhaig, a’ toirt a
leabhair chunntais as a phoca, a’ deanamh direach air
MacPheadrain agus a’ sineadh nan cuig notaichean dha, a
fhuair e bho Stockman.) Am bi sibh cho math agus cuig
notaichean eile 'thoirt far a' chunntais?
84