Skip to main content

‹‹‹ prev (88)

(90) next ›››

(89)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
Aonghas .
Agus tha duil agaibh falbh le bata na maidne.
Stockman .
Sin beachd a th’ agam.
Aonghas .
Stadaibh tiota {Tha e’ fosgladh dorus an t-seomair bhig,
agus a ’tighinn am mach le sac air a dhathadh le fuil. Tha e
’fosgladh an t-saic agus tha Stockman a’ sealltuinn gu de
th’ ann. Tha e ’faicinn crbicean daimh.)
Damh mor breagha, le ’r cead ! Thainig e fa chomhair
an doruis agam an raoir agus thuit e as a sheasamh ! Ciamar
a fhreagarras e oirbh? Faodaidh sibh a thoirt leibh ’s a
charbad an nochd fhein. Suainidh mise gu math sac no dha
m’ a thiomchioll, ’s bithidh e furasda gu leoir dhuibh fhein
taghal air fear an Obain ’s an dol seachad.
Stockman.
{Le toileachadh). ’S tu fhein mo laochan, a sheann
spuineadair ! So dhuit {a’ cur nan notaichean ann an laimh
Aonghais). Gabh aige gu math ’s cuir anns a’ charbad e
cho luath’s a thig e. Ceann eireachdail !
Aonghas .
Chan eil e gu dona. Tha ’m barrachd is iarunn ann am
Beinn nan Creach creideadh sibhse mise ! An aithne do
Mhr. Stockman an seann phort gasda so “ S learn fhln an
Gleann. ’ ’
Stockman .
Chan aithne, O ! a dheagh fhiosaiche ! Ach’s math a tha
do sheanachas a’ tighinn rium. Gabh aig a’ cheann gu math,
a bhalaich !
83