Skip to main content

‹‹‹ prev (87)

(89) next ›››

(88)
'S LEAM FHIN AN GLEANN
Aonghas .
Chan eil mi ’gur tuigsinn.
Stockman .
’S cinnteach nach eil. Chan eil thu feuchainn ris, mo
ghille teoma. Bho 'n a dh’ fheumas mi ’n tarrangabhualadh
air a ceann—gu de ghabhadh tu airson ceann daimh chrocaich,
a dh’ fheudas mi 'thathadh ris a bhalla taobh a stigh an
doruis agam? Am bheil thu ’nis a’ tuigsinn?
Aonghas .
(Gu mall.)—Tha mi ’tuigsinn—ceann crocach—Seadh,
direach !
Stockman .
Tha thu aige mu dheireadh thall ! (A' toirt cairteig as a
phdca agus a sgriobhadh.) Seall tu so. Sin agad ainm fir
’s an Oban a bhios a’ deanamh suas eun, is cinn fhiadh 's a
leithid sin. Faigh thusa dhomhsa ceann daimh ’s cur ’ga
ionnsuidh e. Cuiridh esan air doigh dhomh e, ’s cuiridh e
air aghaidh thugam e, do Lunnainn.
Aonghas .
(A’ breithneachadh.) Aig uairean, bithear a’ faotainn
damh marbh’s an fhrith.
Stockman .
(Gu dearbhte.) Ach gu dearbh bithear! Gle mharbh.
(a’ toirt leabhair phbca air lom agus a’ cunntas am mach cuig
notaichean.) So dhuit, Aonghais ! Faigh thusa dhomhsa
ceann math, cho math ’s a ghabhas faotainn—fear rioghail
ma ghabhas e ’faotainn—ach chan ann a frith a’ Chaiptein.
Cha bhiodh sin iomchuidh.
82