Skip to main content

‹‹‹ prev (90)

(92) next ›››

(91)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
MacPh.
(A shuilean ’na cheann.) An ann ri feala-dha a tha thu,
’Aonghais?—a ’toirt orm stamp an deigh stamp a chosg !
C’arson nach d’thug thu ’n t-iomlan dhomh aig an aon &m
agus dh’fhoghnadh aon stamp?
Aonghas .
{A' tachas a chinn.) Matk, chan eil fhios agamsa. Cha
mhise tha ris a so idir. ’S i mo bharail gu bheil am Freasdal
anns a’ ghnothuch so—
Mrs. G.
(Gn crabhach.) Cha ghabhainn iongantas. An Cumhachd
as Airde—gun teagamh sam bith.
MacPh .
{A ’ tathadh an stamp gu Jeargach.) Sin an treas stamp an
diugh air an aon chunntas. Am bheil thu 'smaointeachadh
gur a mi ’m ‘ ‘ Post Office ’ ’ ?
Aonghas.
Chan eil, chan eil, a Mhr. MacPheadrain. Tha sibhse
mar a tha sibh, ’s mar tha mi creidsinn a bhitheas sibh, agus
foghnaidh sin.
MacPh .
(Gu feargach.) Tach ! Duin thusa do bheul mi-mhodhail,
mo ghille gasda. Diolaidh tu air a shon so. Dean thus’ air
do shocair.
(Tha e ’cruinneachadh a chuid phaipearan agus a’
stailceadh am mack an dorus cuil gu feargach.)
85