Skip to main content

‹‹‹ prev (76)

(78) next ›››

(77)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
le ’chuid oil ’s le ghoraiche. Cha dean sinne ach a’chroit a
ghabhail an deidh dha falbh.
An Coirneal.
Ach is tusa, Thearlaich, a th’air a’ chul so.
MacPh .
’S ann agam fhin a tha ’n truas do dh’Aonghas bochd.
An Caiptein.
(Ri MacPheadrain.) Fan samhach, a chealgair ! (Ris
a’ Choirneal.) Eisdibh ! Am bheil e cothromach no ceart
gu ’n seasadh an duine so ’s an rathad oirnn, agus sinn a
stri a chum buannachd an Eilein air fad ?
An Coirneal.
Buannachd dhuit fhein, a Thearlaich. Seas aig an
fhirinn.
An Caiptein.
Co dhiubh, tha sibh a’ labhairt gu soilleir, athair !
An Coirneal.
Tha mi sin !
An Caiptein.
Agus labhraidh mise a chearta cho soilleir. Tha mi 'dol
a bhristeadh an duine so. Chan eil doigh eil’ air. Feumar
an obair iaruinn a chur air a h-aghaidh. Chan eisd Aonghas
ri deagh chomhairle, ’s bho nach eisd bristidh mis e.
Coirneal .
Leis an t-slaightearachd ?
MacPh.
Chan ann ! Chan ann !
71