Skip to main content

‹‹‹ prev (77)

(79) next ›››

(78)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
An Caiptein.
Tha’n lagh a’ toirt cead dhuinn.
An Coirneal.
Am bheil do choguis ?
An Caiptein.
B’fhearr gu’n cumadh sibh smachd oirbh fein, athair.
An Coirneal.
Ni mi sin. Agus thoir so fainear. Tha mi ’n aghaidh nan
innleachd shuarach. so, a chum duine bochd a mhilleadh *s
a bhristeadh.
Caiptein .
Gabhaibh mo lethsgeul. Tha mi falbh a dh’fhaicinn
Stockman.
An Coirneal.
A Thearlaich ! A Thearlaich ! Smaointich gu de ’tha thu
deanamh. De theireadh do leannan na ’n cluinneadh i so ?
An Caiptein.
Alice? Gu de ’n turns a th’aice-sa ris a' ghnothuch?
Bithibh cho math s gu m fag sibh nithean pearsanta far
am bu choir dhoibh a bhi.
An Coirneal.
Ach, a Thearlaich—
An Caiptein.
S fheudar dhomh falbh. Tha Stockman a ’ feitheamh orm.
An Coirneal.
’S e tha thu ’ciallachadh nach eisd thu rium.
72