Skip to main content

‹‹‹ prev (75)

(77) next ›››

(76)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
An Caiptein.
Tha dochas agam nach teid grabadh a chur 's an deagh
obair. De ’n t-ainm laghail air fear a theid a bhristeadh
’s an doigh so?
MacPh .
Notour Bankrupt. (Gu gamhlasach.) Aonghas Mac
Fhionghain, 's a Choille Mhoir, notour bankrupt.
An Coirneal.
(A tighinn a stigh.) Tha thu’n so, a Thearlaich. Ciamar
a chaidh leat’s an fhrith ? (Tearlach a’ crathadh a chinn.)
Tha sinne air an mith cheudna. Chan fhacas fiadh an
diugh. Is seolta 'n creutair an damh donn. Ach de thubhairt
thu mu Aonghas, agus bristeadh?
MacPh .
{Le aiteas.) Bithidh e air a bhristeadh againn an ceann
naoi laithean, a Choirneil, agus an uair sin feumaidh e a'
chroit fhagail. Rinn e uaill gu leoir a Achd nan Croitearan.
Bheir sinne dha barrachd dheth 's as math leis.
{Tha n Caiptein a’ toirt oidhirp os iosal air
MacPheadrain a chumail ’na thosd.)
An Coirneal.
{Gu feargach.) Chan fhaod e bhi, a Thearlaich, gu bheil
thu cur aonta ri obair de 'n t-seorsa so—a’ milleadh duine
is ga fhuadach as a dhachaidh. Saoil nach an-uasal an
gniomh e ?
MacPh .
{A’ tuigsinn mar ’tha cuisean.) O, cha mhill sinne an
duine—cha mhill, cha mhill. Mhill an duine truagh e fhein,
70