Skip to main content

‹‹‹ prev (72)

(74) next ›››

(73)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
Iain.
Mo dhonadh air !
Aonghas .
(Gu socrach.) Air a h-uile cor. An cuala sibh na thuirt
MacPheadrain mu ’n lagh a chuir e orm ?
Iain.
Tha mi 5gad thuigsinn. Seadh direach ! 'S tha
MacPheadrain ’s an innleachd am bheil? Ach nach tu tha
diorasach, Aonghais? Bheir thu an gamhlas mu d’ cheann.
Aig a’ cheart am chan eil aca ach an fhior shlaightearechd
—a feuchainn ri d’ bhristeadh, a chum greim adheanamhair
a’ chroiteig agad.
Aonghas .
0 ! Chi sinn. Chi sinn !
Iain.
An e sin a tha thu ’g radh ? Mo laochan, Aonghais !
Aonghas .
Tha mi ’dol ceum a shealltuinn an eich bhig. (Tha e ’g
eirigh.)
Iain.
O’n a tha thu ’dol an rathad, thoir leat so (A’ sineadh
ultach Mhic Pheadrain dha.) Fag ann an carbad Mhic
Pheadrain e.—Cinn mhuc a spuin e orm.
(Tha iad le cheile 'deanamh air an dorus chiiil agus tha
Mrs . Galletly , a ’ tighinn a stigh an dorus mor le cabhaig.
Tha Aonghas a’ dol am mach, agus tha Iain a’ fuireach air
deireadh.)
Gu de ’n drip a th 'ort, a bhean ?
67