Skip to main content

‹‹‹ prev (73)

(75) next ›››

(74)
'S LEAM FHIN AN GLEANN
Mrs. G.
Chan fhaigh mise car deanta ’n diugh. Tha 'n Caiptein
agus Mr. Stockman air tilleadh o ’n Bheinn, ’s iad cho acrach
’s gu ’n itheadh iad molt. Agus tha ’n Coirneal a nail
troimh’n achadh, e fhein ’s na frithearan. C’arson nach
itheadh iad am biadh ’sa’ mhonadh coltach ri daoine eile a
bhios a’ sealg an fheidh ?
{Tha Iain a’ toirt a' bhotuil agus gloineachan air lorn,
’s tha Mrs . Galletly ’g an cur air ais).
Cha bhi ’n corr dheth sin an so. Chan eil thu ach 'g an
tarruing thun an tighe le d’ dhram. Thoir thu fein ort as a
so ! Foghnaidh dhuit na fhuair thu de dhram an diugh.
{Tha i ’g a ghreasadh am mach an dor us ciiil mar a tha ’n
Caiptein is MacPheadrain a’ tighinn a stigh an dorus
mor, a’ comhradh. Tha deise sheilg le sumagan leathraich
air a' Chaiptein. Tha Mrs. Galletly a' cur bidh air a'
bhbrd—bainne, im is caise ,etc. Tha iad a ’ suidhe sios agus ag
itheadh. Tha Mrs. Galletly ’dol am mach an dorus cuil.)
MacPh.
Agus ciamar tha ’n Caiptein? Gabhaibh curam de 'n
t-slainte, le ’r cead. Tha na daoine matha tearc.
An Caiptein.
Latha sgitheil, a leobhra! Choisich Stockman ’s mi
fhin astar mor, ach cha d’fhuair sinn mar astar do dhamh
fad an latha. Seadh ! ’s chur thu 'n lagh air mo ghille
gasda.
MacPh.
Tha sinn air a lorg ceart gu leoir. Na biodh curam oirbhse.
68