Skip to main content

‹‹‹ prev (71)

(73) next ›››

(72)
'S LEAM FHIN AN GLEANN
Aonghas .
Tha sibh aige! Ach cha teid aig’ air a sin gun dragh—
agus theagamh nach teid—le dragh fhein.
Iain.
Ciamar sin?
Aonghas .
Gheibheadh e cumhachd uisge ’sa’ Ghleann Chaol.
Iain.
Ach tha ’n Gleann Caol air taobh thall na Beinne, agus
tha 'n stuth iaruinn as fhearr air an taobh a bhos. Cosgaidh
e moran barrachd dha, ma dh’fheumas e cumhachd uisge a
thoirt as a’ Ghleann Chaol.
Aonghas .
(Le snodha gdire.) Direach sin ! Agus cosgaidh e barrachd
na sin da mise ’chur as a’ chroit. Tha cuimhn•' aig daoine
fhathast cia liuthad teaghlach a chaidh fhuadach as a’ Choille
Mhoir ann an Gleann Ill-leathain ’s na laithibh a dh’fhalbh.
Ma’s duine glic e, bidh cho math dha gun a bhi ’g urachadh
na h-eachdraidh sin—agus sin an rud a ni e, ma ghabhas e
gnothuch ri Aonghas MacFhionghain. Creideadh sibhse
mise.
Iain.
Tha iad ag radh gu ’m faigheadh e a’ chuid as fhearr
dhiot ma ni e brist thu.
Aonghas.
Tha e feuchainn ris.
66