Skip to main content

‹‹‹ prev (49)

(51) next ›››

(50)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
Aonghas .
Direach sin ! Ach dh’fhaoidte gur toigh leatha carbadair
an dotair a choinneachadh, agus a bharail fhaotainn mu
a tiomchioll fhein.
Mukchadh .
(A ’ fas rnd beag cas.) ’S carson nach faigheadh ?
Aonghas .
Gu reidh, a Mhurchaidh ! Na bi cho cas ! Cha robh mi
ach ri feala-dha. JS air m’fhacal ’s tu fhein an gille coir,
glic. Chan abair mi tuilleadh. (Tha e’ lasadh na fiioba.)
Tha e coltach gu bheil gnothuichean mora dol a thachairt
air Beinn nan Creach. Tha fhios gu ’n cuala tu seanachas
nam feadhnach ud air an rathad a nuas.
Murchadh.
Chuala mi sin—
Aonghas .
Tha iad ag radh gu bheil torr de bheartas r’a fhaotainn
5s a bheinn.
Murchadh.
Airgiod ! Airgiod ! Am bheil ni ’nur beachd ach airgiod.
Am bheil dad am Beinn nan Creach ach airgiod ?
Aonghas .
Bithidh tu coltach rium fhin a Mhurchaidh—a’
smaointeachadh gu 'm mill iad Eilean Arois le ’m
meineachan, ’s le ’n obraichean uisge.
44