Skip to main content

‹‹‹ prev (50)

(52) next ›››

(51)
’S LEAM FHIN AN GLEANN
Murchadh.
{A’ fas cas a rithist.) Chan eil mi ’smaointeachadh dad
de ’n t-seorsa. Tha iad a’ dol a dheanamh math do ’n
duthaich. De ’n amaideas a tha ’n ur beachd?
Aonghas .
(Le mi - thlachd.)—Amaideas ! An e sin do bharail?
Murchadh .
An dearbh amaideas! ’S iomadh uair a dhuraichd mi an
taobh deas a thoirt orm, agus eolas fhaotainn air an fhoghlum
's air na h-innleachdan ura a thatar a faotainn am mach.
Agus a nis tha iad a’ tighinn thun nan dorsan againn.
Aonghas .
Seadh, a Mhurchaidh, bha thu riamh deidheil air do chor
a leasachadh, agus faotainn air d’aghaidh.
Murchadh.
Bha agus bithidh. ’S aithne dhomh fhin gu bheil comasan
agam gu seirbhis as airde na bhi ’m ghille gnothuich ann an
Tigh osda Thorlochain—a' carbadaireachd—a ’ caradhbhealach
—a’ rusgadh chaorach—a’ togail mona—obair thrailleil.
Aonghas.
Gun teagamh ! Bha deidh riamh agad air sgoilearachd.
Ach cha dean beagan airgid ’na cheann coire sam bith.
Murchadh .
Tha sibhse ceart. Tha cumhachd an cois an airgid—
cumhachd a chum barrachd eolais fhaotainn. Eisdibh rium,
Aonghais—Bithidh iad a leughadh nan creag sin shuas
mar a leughadh sibh leabhar. ’S ann a tha n naidheachd
mhath so ag cur ’nam chuimhne sgeulachdan na Feinne.
45