Skip to main content

‹‹‹ prev (48)

(50) next ›››

(49)
'S LEAM FHIN AN GLEANN
Murchadh .
Tha mi smaointeachadh gur h-e so athachair ! Chuir an
Coirneal stad orra a’ cheud uair a chaidh iad suas. Tha ’n
Coimeal a nis air tilleadh dhachaidh, agus tha iadsan airson
crioch a chur air an gnothuch.
Dr. M.
Cha fhreagair a’ mhoille so ormsa idir, idir.
Murchadh.
Agus chuir iad fios a dh’ ionnsuidh an Dotair gu m
bu mhath leo e dhol comhla riutha.
Dr. M.
’S e mo chuid airgid a tha dhith orra. ladfhein's am
me inn!
{Tha e ’dol am mach a’ monmhur ris fhein.)
Aonghas .
Thig a stigh, a Mhurchaidh, agus gar thu fhein. Tha
fhios gu bheil thu fliuch, fuar.
Murchadh.
Tha mi sin. {A’ suidhe taobh an teine.) An d’thainig
Morag fhathast ?
Aonghas .
Cha d’ thainig i fhathast, a Mhurchaidh. ’S iongantach
learn fhin mar a tha thu fhein is Morag ag amas air a bhi
’n so daonnan air an aon latha.
Murchadh.
Chan eil iongantas sam bith an sin. ’S aithne dhi na
laithean air am bi ’n dotair a’ tighinn 's tha e nadurra
gu leoir dhi barail an dotair fhaotainn mur tiomchioll.
43