Skip to main content

‹‹‹ prev (572) Page 38Page 38

(574) next ››› Page 40Page 40

(573) Page 39 -
An Gaidheal Og
araich an uair nach robh iad ach gle 6g, agus
bha iad anns a’ chuirt agamsa o’n uair sin. Is
iad Eubh, Eubha, is Albha an ainmean, agus
dheanadh aon sam bith dhiubh bean dhileas
agus threibhdhireach dhuit.”
“ Is furasda dhomh sin a chreidsinn, an uair
a sheallas mi air an sriuadh bhoidheach,” arsa
Lir, “ agus taghaidh mi an te as sine, oir tha
mi a’ smaoineachadh gur ann uaithe a dh’ionns-
aich a peathraichean as bige gach subhailc a
tha orra.”
Chaidh e an uair sin air a ghluinean fa chomh-
air Eubh agus chuir e a lamh ’na laimh.
Chord an rogha a rinn Lir ris an Righ gu maith
a chionn gu robh e de’n bheachd gum bu choir
do’n phiuthair a bu shine posadh an toiseach.
Mar sin, air a’ cheart latha ud, phos Lir agus
Eubh, agus an uine ghoirid thog iad orra a
dh’ionnsaigh an dachaigh fhein.
II
Chaidh gach cuis mar a bu mhiann car greise
an seann phalais Fionn na h-Atha. Bha gaol
an cridhe aig Lir agus Eubh air a cheile, agus
an lanachd na h-aimsire, an uair a rugadh
caraid daibh, gille agus nighean, cha robh cuimse
idir air an solas. Thug iad Aodh mar ainm air
a’ ghille agus Fionnghal air an nighinn. Mun
robh iad cho laidir is gun seasadh iad air an
casan fhein rugadh caraid eile dhaibh—da
bhalach air an tug iad Conn agus Fiachra.
Ach, mo thruaighe, chaochail am mathair 6g
mhaiseach air a leabaidh-shiubhla, agus
dh’fhagadh an ceathrar leanaban gun mhathair.
Mar a dh’fhaodar a thuigsinn, bha cridhe Lir
bhochd na. bu bhriste na bha e riamh, agus mur
bitheadh gu robh e a’ faighinn sblais o a leanaban
cha chreid mi nach robh esan air an deo a thoirt
suas buileach. Ach chum an gradh a bha aige
d’a theaghlach maoth beo e, oir thuig e gum
feumadh e aite athar is mathar a sheasamh
dhaibh a nis. Rinn e faire orra agus dh’altruim
e iad a cheart cho carthannach agus a b’urrainn
Eubh a dheanamh ged bu bheo i.
An uair a thainig naidheachd an dolais iiir
seo gu palais an Righ far an d’fhas Eubh suas,
bha gach neach fo bhrbn is lionn-dubh, a chionn
gu robh i fein cho caomh gradhach is nach
b’urrainn gun mhuirn nan uile a bhith oirre.
Bha truas mor aig gach neach ri a ceile a bha
air a fhagail leis fhein le ceithir leanabanan laga.
Cha robh duine a bu mho tursa air an son na an
Righ coir, Baobh Dearg, agus air son a cho-
fhulangais a shealltainn d’a charaid rinn e a
cheart ni a bha gu bron agus dragh a thoirt d’a
ionnsaigh an aite toileachais.
Oir chuir e teachdairean gu Lir Sith Fionn na
h-Atha, direach mar a chuir e iad da bhliadhna
dhiombuain roimhe sin, a dh’innseadh dha gu
robh esan de’n bheachd gur i a’ bheairt a b’fhearr
a b’urrainn da a dheanamh tighinn a dh’ionns¬
aigh na palais agus Eubha a phosadh, agus gu
robh e cinnteach gum biodh gradh is miiirn
aice do chloinn a peathar agus gun rachadh i gu
uchd a dichill air son togail mhaith a thoirt
daibh.
Dh’eisd Lir ri brath nan teachdairean agus
chord comhairle an Righ ris agus, air dha
meorachadh air air son la no dha, thog e air
chun na palais is phos e* Eubha agus thug e i
dhachaigh comhla ris air son a thaighe a riagh-
ladh an aite a peathar a bha marbh.
Ach cha robh fios aig an Righ no aig Lir, ged
bha Eubha coltach ri a piuthar anns an iomhaigh
gu robh i gle eadar-dhealaichte rithe ’na cridhe,
oir bha Eubh riamh carthannach gradhach gun
smuain sam bith oirre fein, ach bha Eubha lan
eud is di-ghaltais, agus cha b’urrainn di a bhith
riaraichto le a bhith a’ faicinn neach sam bith
air spiris a b’airde na i fein.
Car greise chaidh gach ni mar a bu mhiann.
Bha Eubha toileach a chionn gu robh i posda,
agus sheall i gach carthannas do na ceithir
dhilleachdain a dh’fhag a piuthar, agus bha
fiughair gum biodh am fortap ann am fochar
direach mar a bu mhiann le Baobh Dearg. Ach
eing air eing an uair a chunnaic a’ bhean ur
aig Lir gu robh gi adh cho mor aige air a leanaban,
mar a dh’eireadh e am marbh a’ mheadhon-
oidhche air son a bhith cinnteach gu robh iad
comhfhurtail ann an leapannan blatha cluth,
agus mar a bha gradh cho mor aig an Righ
fhein daibh agus e cho deidheil air iad a bhith
comhla ris anns a’ phaliis, dh’eirich eud ’na
cridhe cealgach agus thoisich i ris na leanaban
fhuathachadh agus ri smaoineachadh air cuilbh-
eart leis an cuireadh i ceal orra air doigh air
chor-eigin.
Bha i ri arach nan droch smuaintean sin ’na
cridhe la an deidh la gus mu dheireadh an
d’fhas i glas-neulach tana agus thainig i gu laighe
na leapa. An deidh dhi a bhith ’na sineadh air
a h-uirigh air son a dha no tri de laithean a’
cnuasachadh air an taire a bha ’na h-inntinn
do’n chloinn, thainig droch smuain a steach
oirre, leum i as an leabaidh agus chuir i ionghn-
adh air na seirbhisich gu leir an uair a dh’ordaich
i gum biodh a carbad air a ullachadh air a son,
“ Tha mi a’ dol air cuairt gu mo sheann
dachaigh,” arsa ise, ‘‘agus, o’n is caomh leis
an Righ sealladh fhaicinn an comhnaidh de’n
chloinn, bheir mi learn iad.”
Dh’aontaich Lir ri sin gu toileach. Bha e an
comhnaidh toileach air a’ chloinn a leigeil do’n
phalais, ach chuir gach neach umhail air
Fionnghal Bheag an uair a thuirt i nach robh