Skip to main content

‹‹‹ prev (571) Aireamh 10, SupplementAireamh 10, SupplementGaidheal Og

(573) next ››› Page 39Page 39

(572) Page 38 -
AnGaidheal Og
Dan Claim Ur
Le Iain N.
I
CHIONN fada an t-saoghail mhoir bha
treubh dhaoine ann ris an canadh iad an
Tuatha De Danann. Bha uidh aca a bhith a’
deanamh euchdan mora, agus shiubhail iad o
aite gu aite, o’n Ghreug gu Lochlann, agus o
Lochlann gus an Eilean Uaine ris an canar Eire
a nis, agus an sin rinn iad tamh agus roinn iad
an t-eilean eadar an cinn-chinnidh.
Ach, mar a chaidh bliadhna is bliadhna
seachad, smaoinich an Tuatha De Danann gum
bu choir dhaibh aon righ a bhith aca a riaghladh
na tire gu leir. Mar sin, air la araidh, chuir coig
cinn-chinnidh mhora na h-Eireann an comhairle
ri cheile air son aon aca fein a thaghadh mar
righ air a’ chuideachd uile.
Bha Baobh Dearg agus a bhrathair, Aonghas,
cruinn an sin, agus gaisgich eile comhla riu.
Bha iad fad is cian ’nan suidhe, a’ cur an
comhairle ri cheile, gus mu dheireadh an
d’fhoillsich gach neach a ghuth-taghaidh, agus
thuit an crann air Baobh Dearg agus thaghadh
• ’na righ air Eirinn.
Rinn gach neach gairdeachas ach Lir Sith
Fionn na h-Atha a bha an duil gun rachadh e
fhein a thaghadh mar righ, agus, a chionn gun
deachaidh an la ’na aghaidh, bha an dearg
bhainidh air agus a chridhe lan eud, agus mar
sin chaidh e a mach o’n chomhairle gun urnhl-
achd no dligheachas a shealltainn do’n righ ur,
agus, air dha a sheirbhisich a chruinneachadh
comhla, mharcaich e gu a dhachaigh anns an
taobh-deas.
bha na cinn-chinnidh eile gle fheargach ri
Lir air son cho mi-mhodhail agus a bha e, agus
bu deonach iad air a leantainn agus a thoirt air
ais, ge b’oil leis, a chum is gun deanadh e iimhl-
achd, ach bha Baobh Dearg ’na dhuine glic
coir agus bha fios aige gum b’fhearr caraid na
namhaid, agus mar sin, an uair a labhair e, bha
a bhriathran ciuin agus glic.
" Chan ann mar sin a tha,” arsa esan, “ oir
is e duine tapaidh a tha ro-mhuimeach aig a
dhaoine a tha an Lir Sith Fionn na h-Atha, agus
chan ’eil deidh sam bith agamsa air namhaid
a dheanamh dheth. Tha e an teas feirge an
drasda, ach theid a chorruich seachad, agus an
uair sin bidh beachd na’s fhearr aige air a’ chuis.
Leigibh leis an drasda. Chan ’eil e a’ deanamh
mo chumhachd-sa mar righ dad na’s lugha,
eadhon ged nach d’rinn e umhlachd dhomh.”
Fhuair na briathran glice aig Baobh Dearg
buaidh, agus chaidh na cinn-chinnidh air ais
do an dachaighean fhein, agus re uine fhada
chaidh cuisean air iomairt gu samhach, agus
cha chualas an corr mu Lir.
MacLeoid
Ach mu dheireadh, an uair a bha an Righ
agus a chinn-cinnidh cruinn aig comhairle am!
pMais mhoir an Righ air bruaich an Locha|
Dheirg, mar a bu chleachdadh dhaibh uair annsl
a’ bhliadhna, thainig teachdaireachd chuca gun'
tainig trioblaid chruaidh agus gheur air Taigh
Lir, oir chacchail a bhean d’an tug e mor-ghradh
agus dh’fhagadh e leis fhein gu brbnach bristeach
’na chridhe.
“ A nis, an urrainn duinn ar cairdeas a
shealltainn da ? ” arsa an Righ, is e ’na sheasamh
air ceuman na cathrach ; “ agus is docha an
la a amhghair gun di-chuimhnich e a chorruich
a bha aige ruinn. Mar a tha fios agaibh, tha
agam an seo am phalais triiiir nigheanan Allail,'
oeann-cinnidh Ara, nach maireann, agus ghradh-
aich mi iad is ghabh mi an curam mar gum b’ann
leam fhein a bhiodh iad. Ciod e bhur beachd ?
An cuir mi teachdairean gu Lir ag iarraidh air
a dhachaigh aonaranach fhein fhagail agus
tighinn a dh’amharc oirnn ? Agus, ma thaitneas
na maighdeanan ris, bheir mi dha aon diubh
mar mhnaoi.”
An uair a chuala na cinn-chinnidh an cagar
sin bha toileachas orra uile, oir bha iad a’ meas
gum biodh e a chum feum Eireann gun deanadh
Lir reite ris an Righ Baobh Dtarg. Mar sin.
chaidh teachdairean a chur chuige a dh’innis
da gach ni a bha an cridhe an Righ, agus air
dhasan a bhith cho aonaranach dubhach threig
a uabhar uile e, an uair a chuala e mu chuireadh
an Righ, agus dh’iarr e lethcheud carbad a
bhith air an ullachadh, agus an ath-la thog e
air le sluagh mor de sheirbhisich gu palais an
Righ a bha air bruaich an Locha Dheirg.
Bha an Righ coir gle shubhach an uair a
chuala e gun deachaidh an innleachd a dhealbh
e leis, agus an uair a thainig Lir chaidh e a mach
Chun a’ gheata a chur failte air, mar gum b’e a
charaid gradhach, an aite e a bhith an dearg
naimhdeas ris.
An oidhche sin bha fleadhachas is toil-inntinn
anns a’ chuirt, oir bha gach neach subhach a
chionn gu robh Lir mu dheireadh tha 11 an reite
ris an Righ, agus nach robh eagal sam bith air
aon neach a nis gun deanadh e ar-a-mach ’na
aghaidh.
Madainn larna-mhaireach thug an Righ
Baobh Dearg Lir a thaobh agus threoraich e e
gu seomraichean uaigneach na Ban-righ, agus
an sin ’nan suidhe air cathraichean bha na tri
maighdeanan a b’aillidh a chunnaic e riamh.
“ Is iad seo mo nigheanan-altruim,” arsa
Baobh Dearg. “ Thuit an athair Allail anns an
38