Skip to main content

‹‹‹ prev (293) Page 19Page 19

(295) next ››› AdvertisementAdvertisement

(294) Page 20 -
An Gaidheal Og
ri fiadh le bhith a’ gearradh da fhleasg fhada
stobach o’n chraoibh dhroighinn agus thug i
aon mheanglan dhasan is chiun i fhein an te
tile.
An sin ruitheadh i casruisgte as a dheidh
troimh an choillidh agus, nam biodh ise na bu
luaithe na esan, ghabhadh i air a aobrannan
leis an t-slait agus, nam biodh esan na bu luaithe
na ise, bheireadh esan deagh shraicean do a
mhathair leis an t-slataig aige fhein.
Dh’ionnsaich i dha mar a leumadh e coltach
ri gobhar le bhith a’ cladhach tuill bhig anns
an talamh is ’ga chur anns an toll sin agus a’
toirt air leum a mach as. An uair a bhiodh an
toll troigh air doimhne agus esan comasach air
leum a mach a sin, dheanadh i an sloe troigh
gu leth slos. Agus an uair a bhiodh e comasach
air troigh gu leth a leum chladhaicheadh i an
toll gus am biodh e da throigh sios anns an
talamh. Agus lean i air aghaidh mar sin gus
am biodh am balach murrach air leum a sloe
anns am biodh e ’na sheasamh gu a amhaich
suas gu mullach balla. Dh’ionnsaich e a bhith
’na shnamhaiche laidir cuideachd, oir bheireadh
i e gu bord locha agus shadadh i a steach e is
dh’fhagadh i air a dhloth an sin e gus an ionn-
saicheadh e snamh a dheanamh na b’fhearr na
i fhein, air chor is gun toireadh e buaidh air na
tuinn ri bord an locha is gun ruigeadh e talamh
tioram am feadh is a bha ise fhathast a muigh
an uisge domhain.
Fad na h-uine seo cha robh ainm air a’ ghille
agus cha b’urrainn Ban-phrionnsa Luathqhas
smaoineachadh ciod an t-ainm a bheireadh i-efha.
Ach aon latha threoraich i e a mach as a’
choillidh fada fada troimh an dirthaich gu loch
mor far an robh aireamh chloinne ri snamh is a’
chuis a’ cordadh riutha gu ceutach.
“ Is iad sin clann namhaid t’athar,” arsa ise
ris ann an sanais. “ Feuch ri am putadh sios
fo’n uisge.”
Is e ni gle aingidh a dh’iarr i air a dheanamh,
ach ciod am fios a bha aige-san air sin ? Ach
leum e a steach do’n loch agus shnamh e an
deidh cuid de’n chloinn agus air dha greim a
dheanamh orra phut e an cinn sios anns an
loch is dh’fheuch e ri am bathadh.
Agus fad an t-siubhail bha Ban-phrionnsa
Luathchas bhruideil 'na seasamh air bord an
locha is ag eisdeachd.
Agus chuala i aon duine a’ cantainn ri neach
eile, “Co an gille breagha ban a tha sin le suil
righ is e a’ feuchainn ris na balaich eile a
bhathadh ? ”
B’e siud direach a’ cheart ni a bha i ag iarraidh.
Fhuair an gille a nis a ainm, agus thugadh air
e le aon de naimhdean a athar.
“ Is e Fionn as ainm ort,” arsa ise le mor
thoileachas, agus an sin, mun cuireadh neach
sam bith stad oirre, dh’iarr i air tighinn a mach
as an uisge agus thog i air a muin e is theich i
leis do’n choillidh.
{Ri leantainn)
Bho t.d. 18)
e, thig e a staigh gu dlirth ri a chliathaich. Le seo
tha am molt a’ toirt dubh-leum as is car-
mhuiltein a’ dol dheth a tha ’ga chur a cnaimh
na h-amhaich air an laraich.
Gheibhear gach seorsa feoil is sidheann anns
an t-saobhaidh ; corra-ghritheach, is iomadh
eun eile a, tha math r’an ithe, coineanan,luchainn,
rodain, agus eadhon famhan. Far am faigh
sionnach gu leoir de choineanan chan ’eil «
idir trom air a bhith a’ marbhadh uan oga.
Tha madadh-ruadh callda gle shoirbh a
bheathachadh. Chan ’eil call de chron ann cho
fada is a chumar bho chreutairean eile e. Chan
’eil dad de chrosdachd ’na nadur, ged is fiata
a ghne mun glacar e agus an uair a tha e air
deagh ghreidheadh, le deathad bidhe is ann an
oisean seasgair, sinidh e air cronan mar chat,
ach cus, cus, na’s binne.
DO UIBHIST
’S ann orm fein a bhios an sunnd
A’ tighinn dliith air Loch-nam-Madadh ;
Tighinn gu Uibhist, tir mo ghraidh,
Far an d’fhuair mi ’n t-arach maiseach.
Ged a tha an geamhradh fuar,
'S ged’s ro-ghruamach speur an earraich,
Thig an samhradh leis gach blath,
'S iad cm hilleachd air gach sealladh.
Chi thu beanntan ann gu h-ard,
’S tha gach comhnard uasal dreachmhor,
Chi thu ’n t-sobhrach, seadh, ’s an ros
A’ gabhail comhnaidh shios ’na ghlaicean.
Tha ann iasgach agus sealg,
’S gheibh thu fuarain feadh nan creagan ;
Tha am fiadh, an geadh, ’s an naosg,
’S am bradan tarr-gheal anns na lochan.
Nis, an am dhomh tighinn gu crich,
’S e mo dhurachd a bhith faisg oirr’,
'S bidh mi rithist tigh’nn ann dliith
Ri luchd mo ghaoil a tha ’na taice.
Aonghas MacGilleathain
(Bho Leabhran Bliadhnail Acadamaidh Rioghail
Inbhir-Nis)
20