Skip to main content

‹‹‹ prev (292) Page 18Page 18

(294) next ››› Page 20Page 20

(293) Page 19 -
An Gaidheal Og
Fionn Mac Fimihaill
Le IAIN N. MACLEOID
{air a leantainn bho t.d. 16)
I' A nis, mun deachaidh Cumhall gu blar - a’
--chatha bha e air innse "do Bhan-phrionnsa
s Luathchas mu’n phosadh a rinn e, agus thug e
•oirre gealladh a thoirt da, nam bu rud e is gun
; tachradh dha a bhith air a mharbhadh, gun
gabhadh ise curam de’n leanabh gille aige agus
gum faiceadh i nach eireadh beud da.
Mar sin an uair a chuala i gu robh ordugh air
a thoirt air son gum biodh na leanabanan uile
air an cur gu bas, ruith i an cabhaig chun an
taighe agus ghabh i sealbh air an learfabh aig
piuthar a h-athar gun fhios do a mhathair.
An sin rinn i rud gle neonach. Chaidh i a
null chun an dreasair agus thug i a mach cnap
geire agus cheangal i pios sreinge ris. An sin
chuir i a’ gheir am beul an leinibh agus cheangail
i an t-sreang ri aon de a ordagan mora.
Nan robh daoine air a faicinn a’ deanamh rud
mar sin tha mi creidsinn gun canadh iad gu robh
i as a ciall. Ach is ise nach robh idir as a rian—:
is e a bha innte boireannach gl6 acfhainneach.
Oir cha robh i air son gum biodh fids aig duine
air an talamh cait an-robh an leanabh,-agus bha
fios aice nach tigeadh ran as a cheann fhad is a
bhiodh a’ gheir na bheul, agus cho fada is a
bhiodh an t-sreang a bha ceangailte ris a’ gheir
an sas ’na ordaig mhdir nach b’urrainn da bhith
air a thacadh, oir nan teannadh e ri e fhein a
thacadh thoisicheadh e ri breabadaich, agus an
uair a bheireadh e breab bheireadh an t-sreang
a’ gheir as a bheul.
Mar sin bha i cho sona is a ghabhadh i
timcheall air, agus air dhi a shuaineadh an
eleoca dh’fhalbh i a mach leis ’na h-uchd agus
rinn i air coillidh dhiibhlaidh a bha a’ fhs anns
a’ chuid sin de’n duthaich.
A nis is e saor a bha am mac a’ ghobhann
agus bha e a’ tuineachadh air oir na coille seo
agus is ann do’n bho than aige-san a thug i an
leanabh.
Dh’fhosgail e a shuilean an uair a chunnaic
e i, oir chan ann a h-uile latha a thigeadh Ban-
tighearna rioghail a dh’ionnsaigh an doruis
aige.
Cha d’rinn a’ Bhan-phrionnsa maille sam
bith. Anns an aireamh bnriathran a bu lugha a
b’urrainn di dh’innis i dha mu’n ordugh a bha
air a thoirt seachad, agus an sin threoraich i e
astar beag a steach do’n choillidh is i a’ sealltainn
gu mionaideach suas ris gach craoibh mar gum
biodh i air son abn a chbmharrachadh air son
-aobhair speiseil air chor-eigin. Mu dheireadh
stad i fo chraoibh mhoir dharaich aig an robh
meanglain a bha a’ sgaoileadh a mach, agus
iad sin air an cbmhdach le brat de dhuilleagan
fionnar gorma.
“ Saoil thusa,” arsa ise, “nach faodadh tu
both^n-samhraidh beag a dheanamh dhomh
an sin shuas am measg nam meanglan gun
laraich tail no saibh fhagail as do dheidh ?
Agus nam b’urrainn duit sin a dheanamh
dh’fhuirichinn an sin leis an leanabh gus am
bi na h-amannan carraideach seo seachad, agus
cha ruig duine fo’n ghrein a leas dragh a ghabhail
gu bheil mi ann.”
Thubhairt an saor bg gum b’urrainn dhasan,
sin a dheanamh, agus, air dha surd a chur air
obair, am beagan uairean thog e taigh-samhraidh
beag comhfhurtail shuas am measg nam meang¬
lan faisg air bun na craoibhe, a bha seasgar is
blath ach a bha air a fhalach cho cuiseach is
nach dearcadh neach sam bith a bha a’ dol
seachad mu bhun na craoibhe agus ag amharc
suas gu robh dad an sin ach na meanglain..
An uair a bha e deiseil sheall a’ Bhan-phrionn¬
sa air le siiil phongail.
‘ ‘ A bheil thu a’ smaoineachadh gum b’urrainn
neach sam bith dearcadh air ? ” arsa ise.
“ Saoilidh mi nam biodh meanglan eile air a
cheangal air an taobh eile dheth gum biodh e
na bu shabhailte.”
Chrom an saor slos air son meanglan eile a
thogail ach, air dha bhith a’ deanamh sin,
tharraing a’ Bhan-phrionnsa claidheamh agus
ghehrr i an ceann deth.
“•Tha fios agad air mo riin-diomhair, agus
chan aill learn gum bi fios aig duine sam bith air
sin, ” arsa ise gu gruamach. “ A nis bidh an
leanabh sabhailte.”
Dh’fhalaich i corp an t-saoir fo dhuilleagan
seargte ann am preas, shreap i suas gu a h-aite
falaich, agus,ged bha na saighdearan a’rannsach-
adh na coille agus ag amharc air a son anns
gach cuil is cial a smaoinicheadh iad, cha d’fhuair
iad cnaimh dhith.
Mar sin bha beatha a’ ghille bhig air a
caomhnadh agus dh’fh&s e suas anns a’ choillidh
’na ghille laidir crodha.
Chuir piuthar a athar roimhpe gum fasadh
e suas cho laidir colgarra ri a athair, agus mar
sin theagaisg i dha gach iomairt a dheanadh e
fulangach ri am na h-eiginn agus gach doigh
anns am faigheadh e buaidh an cleasan armachd.
Theagaisg i dha an t-alt air ruith cho luath
19