Skip to main content

‹‹‹ prev (270) Page 28Page 28

(272) next ››› Page 12Page 12

(271) Page 29 -
Iain A. MacAsgraill a Bearnaraidh
na Hearailh
Le Niall Mac-an-Tuairneir
THA greis bho’n a gheall mi cunntais
. ghoirid a thoirt do luchd-leughaidh a’
I Ghaidhdl air Iain A. MacAsgaill, aon de bhaird
M Bhearnaraidh, a fhuair bas bho chionn corr is
| ; fichead bliadhna ’na ghille 6g ann an Astralia
J|| fada bho thir a dhuthchais.
A Rugadh agus thogadh MacAsgaill ann am
J| Be&rnaraidh, an t-eilean ud a bha, agus a tha
i thun an la an diugh, ainmeil air son luchd
fl tathaidh is luchd seinn nan dan is nan bran.
I Cha robh Iain ach ’na ghiullan 6g nuair a
—Hi dh’fhag e eilean a bhreith ’s a ghabh e ann an
| [ arm an righ. Is ann san earrach, 1914., a dh’fhag
e, agus mun tainig an ath bhliadhna bha e a’
|f| cur cath ris na Gearmailtich air talamh na
Frainge. Fhuair e a bheatha leis gu sabhailte,
' ‘ gun dochunn’s gun chiorram, as gach gabhadh
’s an robh e, agus bu lionmhor. iad, oir bha ar
caraide ’na dhuine 6g treun misneachail aig
nach robh m6r-speis mu chunnart ’s nach
tilleadh le gioraig. Cha robh a leithid is eagal
a’ ruith troimh a bhuill.
Anns a’ bhliadhna 1919 fhuair e ’na mhaor-
sithe am baile Ghlaschu, agus, a chionn gu robh
e ’na phiobaire barraichte, chaidh a thaghadh
gu bhith ann an Comunn Piobaireachd Maoir-
shith a’ bhaile. Cha robh e ro-fhada ann an
sin an uair a leig e fhaicinn riach b’ann d’omhain
a bha an taghadh, oir cha robh aon eile anns a’
chomunn gu leir a thigeadh suas ri MacAsgaill
ann an cluich na plob-mhoir. Bha e ainmeil
mar phiobaire, agus aig gach co-fharpais air
am bitheadh e bha e a’ togail nan ceud duaisean.
Tha cuimhne mhath aig a chuid chompanach a’
mhiarag ghrinn leis am buaileadh e an sionnsair.
’S gann nach canadh daoine gu robh sionnsair-
slthe MhicCruimein r’a chluinntinn as ur.
C6-dhiubh, dh’fhag MacAsgaill baile-mor na
h-upraid, agus an deidh beagan nine a chur
seachad ann an eilean bxaich, sheol e null do
AstrMia, far an do ghabh e fearann chaorach.
Bha an cianalas air ar caraide—cha robh e
idir cho toilichte ’na staid ann an tlr fhasail
Astralia’s a bha e an duthaich Alba. ’S ann d’a
thoradh sin a fhuair sinn a mach gu robh
spiorad na bardachd ann an Iain. Tha e coltach
gu robh buaidh eile a’ ruith troimh a chuislibh
cho math ri gibht na piobaireachd. Is iomadh
duanag a thSth ar caraide fad a chuairt san
diithaich thall, agus tha e ro-dhuilich a bhith
againn ri innse nach robh a’ chuairt ud ach goirid.
Chaochail MacAsgaill. aig aois d& bhliadhna
dheug ar fhichead. Ged tha e imrbh, tha e
fathast a’ labhairt.
Bheir mi am follais a’ cheud bran a rinn ar
caraide air da bhith cur a chuil ri Bearnaraidh.
’S iomadh fleadh is banais aig an do sheinneadh
e bho’n latha ud.
ORAN A’ CHIANALAIS
(Air fonn : “ Fal o horo o, etc.)
Gur mise tha fo churam
’S mi ’n duil ri bhith falbh ;
Air la na bliadhn’ hire
’S beag tha shunnd a’ tighinn orm,
A dh’ionnsaigh na duthcha
Tha cubhraidh ’na sealbh,
Astrhlia mhor
lomall comhdach na fairg’.
Fal o horo o, etc.
Ged dheanainn mo dhicheall
’S a sgrlobhadh le m’ laimh,
Cha b’urrainn mi innse
Mar tharm’inntinn an drasd’ ;
Mo chridhe cha ghluais e,
’S e fuaighte le cas
Mo ghean air a mhuchadh
Le ciurradh do chraidh,
Fal o horo o, etc.
B’fhehrr a bhith chomhnaidh
Le luchd-eolais gun tair,
Measg nigheanagan bhidheach
Bha sporsail a ghnath ;
’S e ’n cuideachd a bhuair mi
’S a ghluais mi gu dhn,
Mun toirinn an ruaig seo
Thar chuantan do’n ait’.
Fal o horo o, etc.
B’eolach mi uair
Mu cheann shuas gabhail srhid,
Bho dh’fhagainn taigh Ruairidh
Gu buaillean an trhigh,
Gun stiuirinn air Sine
Gu h-inntinneach blath,
Bu trie thug i tea dhomh
Gun innseadh do chhch.
Fal o horo o, etc.
Dh’fhalbhainn gu debnach
’S an cbmhnard fo m’ shhl ;
Dh’aindeoin droch shlde
Cha sininn fo sgail;
{An edrr air t.d. 30)
29