Skip to main content

‹‹‹ prev (261) Page 11Page 11

(263) next ››› AdvertisementAdvertisement

(262) Page 12 -
An Gaidheal Og
liar a Chaidli MacNeill do Shealtainn
Le IAIN N. MACLEOID
BHA triath air Barraidh aon uair ris an
cante Ruairidh an Tartair. A reir coltais,
is e duine borb, neo-thlusail a bh’ann agus
spuinneadair agus reubair-fairge nach robh a
leithid ach tearc. Bha a bhirlinn, an uair a
rachadh i gu muir, ’na culaidh-eagail do gach
eathar eile, agus ge be cala a bheireadh i a mach,
bhiodh call agus creach ann ri a linn. Bha i
fo sgiobaireachd Gille Mor Thangasdail, duine
cho laidir, foghainnteach, toirtealach, snaoman-
ach, fuasgailteach, sgairteil agus a bha a’
tuineachadh anns na h-Eileanan an lar aig an
am sip.
Turus a bha an siud anns an Fhaoillteach,
chuir Ruairidh an Tartair fios air a’ Ghille
Mhor, agus thubhairt e ris a’ bhirlinn a chur an
ionad-seolaidh, agus iad a dhol do Shealtainn a
thogail creiche. Fhreagair an Gille Mor gum b’e
droch am de’n bhliadhna a bh’ann air son a dhol
air an astar annasda ud ; gu robh a’ ghailleann
agus an stoirm agus an cuan ’na mhilltean is ’na
mheallan, agus nach robh fasgadh-fearainn aca
ri fhaotainn gus an ruigeadh iad.
“ Ma ta”, arsa MacNeill, “nach bi fasgadh
nan tonn agaibh ? Tha mise a’ cur a’ ghnothaich
an earbsa riutsa, oir chan urrainn domh fhein
falbh comhla ruibh air an turus seo agus
gnothaichean a’ bhaile ’na mo luib aig toiseach
an earraich.”
Rinn an Gille Mor mar a dh’iarradh air, agus
bha a’ bhirlinn aig an laimhrig agus an sgioba
air dol air bord an deidh gach brosnachadh-
fairge agus beannachadh-luinge.
“ Beannachd leat,” deir an Gille Mor, agus
an uair a shin Ruairidh an Tartair dha a lamh
a thoirt a bheannachd da rug e oirre agus
tharraing e air bord MacNeill.
“ Mas eadh agus gum bi fasgadh nan tonn
againne,” arsa esan,: “ bhiodh e iomchuidh
gum biodh do chuid fhein agadsa dheth cuid-
eachd.’’
Dh’fhalbh iad agus, a dh’aindeoin nan
Gearran, nan Sgobag, agus nam Feadag mar a
sheid iad, rainig iad Sealtainn. Chunnaic na
Sealtainnich a’ bhirlinn Bharrach a’ tighinn
agus chruinnich iad mu’n chladach gus an cumail
gun dol air tir, ach bha an Gille Mor ro easgaidh
ealamh air an son, agus leum e air tir munj
d’rainig na Sealtainnich an laimhrig.
Bha ceatharnach ainmeil an Sealtainn aig an
am sin ris an cante mar leas-ainm “Am Boc
Sealtainneach.” Is esan a bha air ceann nan
daoine agus chaidh e fhein agus an Gille Mor
an glaicibh agus an caraibh a cheile. Dheanadh
iad creagan de’n bhogan agus began de’n
chreagan ; bha clachan tuinnidh na traghad air
an leadairt agus air an saltradh fo an casan.
Thug am Boc togail do’n Ghille Mhor aguS
thilg e e an tiiirr feamnach a bha shuas braigh
a’ chladaich.
Ghrad dh’eirich an Gille Mor agus ruiteag na
feirge ’na ghruaidh. Smaointich e air na daoine
o’n tainig e ; smaointich e air machraichean
sith-shaimheach Bharraidh seal mun tig trath-
nona do’n ghrein ; chuala e sior dhurdail na
maighdinne-mara. Dh’fhoghnadh sin. Sios
gun ghabh e an coinneamh a’ Bhuic. Chaidh
iad an sas aon uair eile, ach cha robh an gleac
fad air a chumail an uair a bha am Boc air
claisneach a dhroma air leacan feamainneach,
sligneach, sliomach, sleamhainn a’ chladaich.
“ Am bas air do mhuin, mo ghille maith ort,
ciod e t’eirig? ” ars an Gille Mor ris a’ Bhoc,
agus e a’ breith air sgornan air.
Ghuidh am Boc air son a bheatha, agus mar
eirig gheall e gun toireadh e do’n Ghille Mhor a
nighean gus a posadh agus baile fearainn saor
dha fhein.
Thug an Gille Mor dha a bheatha, agus thog
Clann Neill creach mhor an sin, agus thill iad
do Bharraidh le luchd na birlinne de chrodh.
Phos an Gille Mor nighean a’ Bhuic
Shealtainnich, agus fhuair e baile saor o’n Bhoc,
agus rinn e a dhachaigh an Sealtainn far a
bheil feadhainn de a ainm agus de a shliochd ri
am faotainn fhathast.
Bha e air a radh gun do thog e caisteal da
fein anns an aite sin, agus gun do chuir e mar
chis air muinntir a’ bhaile iad a thoirt dusan ubh
anns an latha chuige cho fad agus a bhiodh e a’
togail a’ chaisteil. Bha e a’ bristeadh nan
uibhean agus ’gan cur an luib an aoil leis an
robh e a’ togail an taighe, agus cha d’fhuaras
riamh aol-tathaidh cho maith ris an sin.
12