Skip to main content

‹‹‹ prev (260) Page 10Page 10

(262) next ››› Page 12Page 12

(261) Page 11 -
An Gaidheal Og
Taigrh-Eiridinn nan Giomach
U TORMOD TUATH
BHA duine glic ann uair-eigin agus thubhairt
e, nan robh daoine cho coibhneil ri cheile
is a tha na bruidean, gur e saoghal sona a bhiodh
an seo ! Dh’fhaodadh e a cheart rud a radh mu
eisg a’ chuain, gu seachd sonraichte na cairdean
air a bheil sinn a nis cho eolach a tha a
chomhnaidh a mach is a staigh mu’n Mhor-Sgeir.
Aig a’ cheilidh sheachdaineach an oidhche seo,
an deidh do gach ceol is aighear a bhith seachad,
agus am feadh is a bha Ruairidh Rionnach a’
toirt taing do Fhear-na-Cathrach (Tormod
Trosg, tha fhios agad !), chualas brundal thall
air a’ chill.
Thainig am brundal gu bruidhinn, agus
11 thainig a’ bhruidhinn cha mhor gu buillean,
is Leacsaidh Liabaig is Ciorstaidh Chaol na
»> h-Oitire a’ trod.
' Trod, an dubhairt mi! Bheir mise m’fhacal
• dhuibh, an uair a theid na seoid ud a throd,
bidh fhios aig na tha a staigh air, agus aig na
l tha a muigh cuideachd.
• “Thu fhein is do thrusadh-airgid,’’ arsa
u Leacsaidh a mach a oir a beoil chaim. “Carson
i a thrusamaid airgead ? Leig le clann-nan-daoine
a bhith ’gan sarachadh fhein is ’gam mort fhein
a’ sireadh an airgid, na gloicean a tha iad ann !
Chan ’eil feum airgid oirnne ann ! ”
“ Ged tha, a ghaladhad,” arsa Ciorstaidh,
“ tha iomadh dlol-deirce ’nar measg-ne d’am bu
choir dhuinn beagan cobhair a thoirt seachad.”
“ Mar eisimpleir? ” dh’fheoraich an Liabag,
is dreun mhagaidh oirre.
“ Na giomaich bhochda,” arsa Ciorstaidh.
“ A bheil fhios agadsa air seo, gu bheil na
giomaich a’ tilgeil an cuid shligean o am gu am,
agus air son greis tha na broinein bhochda cho
lorn ruisgte ris na boiteagan ! Tha cuimhne
agad an cnatan mor a ghabh Gilleasbuig
Giomach a’ bho’n-uiridh. Siod far an d’fhuair e
e, is e ’na chruban ruisgte fo chloich mhoir is e
a’ feitheamh gu foidhidinneach gus am fasadh
an t-slige ur air.”
“Is gu de anns a’ chuan mhor a tha thu fhein
am beachd a dheanamh mar chuideachadh do
Ghilleasbuig is d’a sheorsa ? ” arsa Leacsaidh.
“ A bheil thu a’ dol a cheannach chotaichean
blatha dhaibh, no gu de ? ”
“ Is mi nach ’eil,” arsa Ciorstaidh, “ ach nach
maith a dh’fhaodamaid aite seasgair sabhailte
blath a chur air leth agus a chur air doigh, far
an cuireadh na giomaich seachad an iiine am
feadh’s a bhiodh iad ruisgte.”
“ Mo shiad thu,” arsa Leacsaidh, “cha chuala
mi do leithid. Agus ciamar a thrusas sinn an
t-airgead air son taigh-eiridinn nan giomach a
chur an uigheam ? ”
“ Tha iomadh doigh air airgead a thrusadh,”
arsa Ciorstaidh. “ Tha eisg ann leis am miann
na h-ainmean aca fhaicinn sgriobhte an ait-eigin,
feuch am faic an saoghal an t-suim a thug iad
seachad. Sgriobhaidh sinne air an Lie Dhuibh
ainmean nan iasg a bheir cuideachadh dhuinn.”
“ Seadh, agus nach fhaodadh ceilidh no dha
a bhith againn ? Chan ’eil dad as fhecirr na
ceilidh gus sporanan fhosgladh.”
“ Tha mi a’ smaoineachadh, cuideachd,”
arsa Ciorstaidh Chaol, “gum faodamaid
eisimpleir nan daoine a ghabhail agus
Ld-Brataich a ghleidheadh.”
“ Gu de anns a’ chuan mhor a tha sin? ”
arsa Leacsaidh.
“ Bidh na daoine a’ reic luideagan paipeir
is prine annta, is ag iarraidh sgillinn orra.”
“ Cait am faigh sinne prine is paipear ? ” arsa
Leacsaidh.
“ Fag thusa sin aig an easgann chaol, a
Leacsaidh,” arsa Ciorstaidh.
{Bho’n duilleig roimhe)
ghairm an lathair. Bha birlinn sia raimh dhiag
aige-san, “ an Eala Long ”, a bha ainmeil a
thaobh luathais air muir.
“ Uibhist ort gun dail ”, arsa am Morair,
“agus thoir chugamsa Uisdean Mor no a cheann!’
Bha Mac Iain air son sgiobadh de dhaoine
tapaidh fhaighinn agus ghrad dh’fhalbh e a
dh’ionnsaigh bodaich an Earrlais, duine a dh’61
bainne na ba a dh’ith am mothan iomadach
turus ; cha robh na b’fhearr air stiuradh air
druim an domhain.
Sheas Mac Iain car tacain aig dorus na h-atha
far an robh dithis de na bodaich ri cruadhachadh
coirce. Bha an ath a bragail, agus thuirt am
fear a bha a bhos ris an fhear a bha a tionndadh
a’ ghrain ; “ Dean thusa shuas i agus nl mise
shios i.”
“ Dheanainn-sa i,” arsa am bodach a bha
shuas, “ ged bhitheamaid a’ stiuradh troimh
Chaolas na Frainge.”
“ Ta, a bhodaich,” arsa Mac Iain Mhic
Sheumais, “ tha sin agad ri a dheanamh an
nochd fhein.”
Chan fhalbhadh na fir gus am faigheadh iad
seiche muilt ghlais agus sin air a caradh blath
mu’n craiceann. Fhuair iad sin agus thug iad
sMl orra gu Uibhist le fichead lan-ghaisgeach.
(Ri leantainn)
11