Skip to main content

‹‹‹ prev (227) Aireamh 1, SupplementAireamh 1, SupplementGaidheal Og

(229) next ››› Page 3Page 3

(228) Page 2 -
An Gaidheal Og
an iomadh cath cruaidh an deidh sin, gu h-araidh
aig Allt-Eire agus Cill-saidh ; agus tha daoine
fiosrach ag radh nach robh buaidh le Montros
an deidh dha dealachadh ris.
Rinneadh Alasdair seo ’na Ridire air son a
rioghalachd do Rlgb Tearlach. An deidh dha
dealachadh ri Montros, leis a’ bheagan Eireann-
ach a bha lathair rinn e air son Chinn-tlre, far
an robh fathast beagan fearainn agus cumhachd
aig Cloinn Domhnaill, agus as am bu reidh dha
dol thairis do dh’Eirinn. A thuilleadh air na
h-Eireannaich a bha leis, bha MacDhughaill
Latharna is a chuid daoine agus muinntir eile
a bha fhathast dileas do’n rlgh, a chaidh sios
leis a chum comhnadh a dheanamh ri Clann
Domhnaill an aghaidh Sliochd Dhiarmaid a
bha a’ miannachadh a’ chuid fa dheireadh d’an
oighreachd a bhuntainn uatha.
Tha e air aithris mu Alasdair Mac Cholla,
mar bha e air a thurus slos do Chinn-tlre, gun
d’eirich dha air la araidh stad, e fein is a dhaoine,
chum am biadh-maidne a ghabhail. Am feadh
’s a bha iad ’ga dheasachadh, shuidh e a’ cur a
sglos air cnocan boidheach uaine dluth do
mhuileann air an do shath e a bhratach.
“ fs boidheach an cnocan seo,” deir e;
“ c’ainm a tha air ? ”
” Tha ”, arsa am muilleir, “ Gocam-go.”
Gu grad dh’eirich Alasdair.
“ F&gamaid, ’illean, an t-aite seo,” oir
chuimhnich e air faistneachd a mhuime. Ghabh
iad air an adhart.
Air a’ cheart am seo bha an Triath Earra-
ghaidhealach le arm laidir fo’n cheann-fheachd
urramach sin Leslie, a fhuair buaidh air Montros
aig Philip-haugh, a’ gabhail sios do Chinn-tlre
chum am buille deireannach a thoirt do chumh-
achd Chloinn Domhnaill a bha air taobh an
rlgh. B’fhurasda do Alasdair am feachd seo
a ghearradh ann an Garbhlach Sliabh-gaoil,
far an do theab e fairtleachadh air Leslie a
mharc-shluagh a thoirt air an aghaidh ; ach o’n
la a shath e a bhratach ann an Gocam-go cha
robh soirbheachadh leis. Air a thurus mu dheas
chuir e fein is a dhaoine seachad oidhche ann
an garradh Tighearna nan Learg. Bha trupair-
ean Leslie air a thoir, ach bha sgath orra
roimhe o nach tainig an t-arm-coise air an
aghaidh. Dh’fhan iad uime sin air an ais an
duil gum biodh an t-arm aca air an ath mhadainn.
Dh’fhadaidh Alasdair teinntean mora timcheall
a’ gharraidh mar gum b’ann chum a dhaoine
a bhlathachadh, agus an deidh dha fear fhagail
a chumail an teine suas agus piobaire d’an
d’aithn e seinn fad na h-oidhche, thog e air le a
dhaoine agus bha e dluth do Chaisteal Dhun-
abhartaidh mun d’lonndrainn each air falbh e.
Mo thruaighe ! am piobaire bochd, chuireadh a
chomas an cleas ceudna a dheanamh, oir thug
iad gu neo-iochdmhor dheth na meoir.
Dh’fhag Alasdair tri cheud fear an Dun-
abhartaidh, agus thug e He air, agus an deidh
dha da cheud eile de a chuid daoine fhagail aig
a athair, Colla Ciotach, ghabh e an t-aiseag do
dh’Eirinn, far an do mharbhadh e beagan 'na
dheidh sin, ann an cath a chuir e leosan a
dh’eirich an aghaidh larla Charlingford.
Mar seo chaochail an curaidh treun seo.
Cha robh dume a thug barr air fo stiuradh hr
eile, ach cha do choisinn e cliii leis fein. Bha e
iomraiteach an dan, agus rinneadh iomadh
bran molaidh dha, an da chuid an Eirinn agus
an Albainn.
“ Alasdair, a laoigh mo cheille,
Co chunnaic no dh’fhag thu ’n Eirinn ?
Dh’fhag thu na miltean’s na ceudan,
’S cha d’fhag thu t’aon leithid fhein ann.
Calpa cruinn an t-siubhail eutruim,
Cas chruinneachadh an t-sluaigh ri cheile;
Cha deanar cogadh as t’eugmhais,
’S cha deanar sith gun do reite ;
’S gar am bi na Guimhnich reidh riut,
Gu robh an Righ mar tha mi fein duit. ’’
(Bho “An Teachdaire Gaidhealach,” 1830).
{bho t.d. 3)
na creige, agus Tormod an deidh nochdadh,
agus e ’na fhallus.
“ Fheara ’s a bhraithean ’s a chailleachan
ionmhainn gu leir ! ” dh’eubh e, “ gabhaibh mo
lethsgeul a bhith cho fadalach. Nach ann a
bha mi a’ feuchainn ri cobhair a dheanamh air
a’ bhean uasal choir mheasail ud thall, Eilidh
Choinnich. An uair a bha mi a’ greasad an seo
cho cruaidh ’s a bh’agam, chuala mi eubh, is
co a bh’agam ach Eilidh agus i am broinn
cleibh ghiomach ’ ’
“ Direach cleas a h-athar ! ” dh’eubh Cior-
staidh Chaol. ‘‘Tha mi an dochas gun d’fhag
thu ann i ! ”
‘‘ Ged tha, is mi nach do dh’fhag,” arsa
Tormod. ‘‘ Is mor a ghabhainn bean uasal
sam bith fhagail an cunnart. Thoisich mi air
criomadh aon neo dha de na mogail ach am
faigheadh i mach ”
“ Dhachaigh sibh ! ” dh’eubh Ruairidh
Rionnach ; “tha bata iasgaich a’ tighinn
timcheall na sgeire.”
Cha chuala mise an corr de’n t-seanchas, ach
tha mi de’n bheachd gun d’fhuair Eilidh as an
ribe, agus nach do dh’eirich dhith mar a dh’eirich
d’a h-athair.