Skip to main content

‹‹‹ prev (226) Page 8Page 8

(228) next ››› Page 2Page 2

(227) Aireamh 1, Supplement - Gaidheal Og
m, AX tiATOHEAL 0«
MIOSACHAN GOMUNN NA H-OIGRIDH
Leabhar XLVII AM FAOILLEACH, 1952 Aireamh 1
Alaisdaia* Mac ( holla
AINMEIL an duine seo an Gaidhealtachd
Alba, la ’gan robh an saoghal, agus tha
sinn a’deanamh dheth nach misde le ar luchd-
duthcha cail-eigin a chluinntinn uime.
Bha an duine ainmeil seo de Chloinn Domh-
naill Antrim an Eirinn. Bu mhac e do Cholla
Ciotach, a ghlacadh ann an Dun-naomhaig an
He agus a chuireadh gu bas ann an Dun-stath-
innis. An uair a rugadh Alasdair, tha beul-
aithris (as nach ion mor-earbsa a chur) ag innse
mu nithean iongantach a thachair mu thaigh
a athar, air chor is gun do chomhairlich cuid de
na cairdean cur as da gun tuille dalach.
“ Gha dean sibh sin,” deir a mhuime, aig an
robh fiosachd, a reir barail nan amannan sin ;
“ bidh e fhathast ’na ghaisgeach foghainnteach,
agus eiridh buaidh leis gus an sath e a bhratach
an Gocam-go.”
Dh’fhas Alasdair suas gu bhith ’na dhuine
eireachdail agus ’na fhear-claidheimh cho maith
’s a bha an Eirinn. Anns a’ bhliadhna 1644 bha
buidheann de’n fheachd ri an cur a h-Eirinn
chum comhnadh le Montros as leth an dara
Tearlach. An uair a chruinnich maithean na
tire a shonrachadh co a rachadh air ceann an
airm, bha da fhlath uasal Eireannach aig an
'robh fiughair ris an urram sin a thaobh an
cairdean aig a’ choinneamh.
“ Bu choir,” deir Ceann-mhath na cuideachd,
“ an t-urram a thoirt do’n ghAirdean as treuna
an Eirinn, nam biodh fios co e.”
“ Seo e ! ” deir Alasdair, is e a’ tarraing a
chlaidheimh, a dh’aindeom co theireadh e.
“ Gait a bheil an t-ath-ghairdean ? ” deir an
Ceann-suidhe.
” Seo e ! ” deir Alasdair, is e a’ tilgeadh a
chlaidheimh ’na laimh chll.
Cha do chuir duine ’na aghaidh, agus fhuair
Alasdair a bhith ’na cheann-feadhna air a’
chuideachd.
Thainig Alasdair le coig ceud deug fear air
tir air taobh na h-aird an iar de Earraghaidheal.
Tha iomadh sgeul beag air aithris mu’n duine
seo, nach fiach a bhith air innse, ach is iomadh
gniomh euchdach a dh’fhaodte aithris air, mar
tha e againn slos ann an eachdraidh.
An deidh dha Caisteal Mhiongairidh an
Aird-nam-murchan a ghlacadh, ghabh e suas
do Ghleanna-garradh far an do choinnich na
daoine sin agus muinntir Bhaideanach e a bha
air an aon taobh ris fein. Ghabh iad air an
aghaidh gus an do rainig iad Dun-chaillinn, far
an do choinnich iad far la Mhontrois a thug do
dh’Alasdair an t-aite a bu tinne air fein anns an
fheachd, agus cha b’ihada gus an do dhearbh e
gum b’airidh air an urram sin e.
Bha fuath anabarrach aig Alasdair Mac Cholla
agus aig Clann Domhnaill air teaghlach
Earraghaidheal, chan e a mhain a chionn gu
robh iad an aghaidh an rlgh, ach gun do bhuin
iad moran d’am fearann o na Domhnallaich,
agus a chum aicheamhail a thoirt a mach air
a shon dh’aom e Montros gus an geamhradh,
1645, a chaitheamh ann an diithaich Mhic
Chailein. Dh’fhairtlich orra Caisteal Inbhir-
Aora a ghlacadh ach loisg iad baile Inbhir-Aora,
agus chreach iad an duthaich air fad mu’n
cuairt. Is gann a dh’fhagadh taigh air bonn,
ionnas gu bheil e ’na ghnath-fhacal anns an
tir sin gus an la an diugh, “ Alasdair MacCholla ,
fear-thollaidh nan taighean,” agus bha na
h-uiread eagail roimhe is gu bheil a ainm fhathast
air a chleachdadh mar bhochdan gu clann a
chumail samhach.
Dhearbh Alasdair e fein ’na dhuine ann an
iomadh cumasg beag, ach is e Latha Inbhir-
Lochaidh a tharraing gu mor mheas e. An uair
a thainig e le Montros roimh an bhlar sin air
toir nan Caimbeulach, is e Iain Lorn, am bard,
a b’fhear-iuil daibh.
Air dhaibh tighinn an sealladh nan Caimbeul¬
ach thubhairt Alasdair ris a’ Bhard, “ Theid
thu slos learn am maireach gu cath a thoirt do
na Duibhnich.” B’e Iain Lorn an gealtaire a
bu mhotha a bha air an t-saoghal, ach cha robh
a chridhe aige a dhiultadh.
“ Ma theid mise slos agus gun tuit mi,” arsa
Iain Lom, ‘‘ co a dh’innseas sgeul air do ghaisge ;
ach theirig thusa sios agus dean mar as gnath
leat agus seinnidh mise do chliu.”
“ N) mi sin,” arsa Alasdair.
Tha fios mar a choisinn Montros an latha sin,
agus mar a chaidh an ruaig air na Caimbeulaich.
Bha Alasdair Mac Cholla maille ri Montros ann
1