Skip to main content

‹‹‹ prev (339) Clar-Innsidh [Contents]Clar-Innsidh [Contents]

(341) next ››› Page 81Page 81

(340) Page 80 -
B’aon riamh an Gaidheal agus a’ Ghaidhlig.
Is aon iad fathast. Ach chan aon ro-fhada,
mur ’ eil de leigheas againn d’ an creuchdan ach
ceileireadh agus fidhlearachd.
An uair a bha I mar a bha, deir seann sgeul,
is e a thainig ri latha ach gun do shaobh fear
de na manaich, agus e air tir-mor, o’n
chreideamh naomh, agus ar leis gun
d’fhuair e faothachadh nach bu bheag ri linn
da sin a dheanamh. Ach, oidhche de na
h-oidhchean, agus e a’ bruadar, co a chunnaic e
a’ cromadh os cionn a leapa ach fear a b’ eol da,
agus a dha shuil cho blath is gun toireadh iad
tiomadh air cridhe cloiche.
“Eirich,” arsa Calum, oir is e a bha ann;
“eirich, tiugainn dachaigh; chan ’eil slat an
dorus Idhe.”
Seal mus do bhlais an t-eun an t-uisge, bha
am manach agus a chuid ghillean shios air a’
chladach, agus leis an deifir, is eadar-dha-
sholus fhathast ann, is e a rinn iad ach bata a
thoirt leotha a chumadh treun-fhear ’ga sior-
thaomadh leis mar a bha i air a sgreagadh le
gaoith is le grein. Mu thrath-noin, fo stiuradh
an Fhreasdail, bha iad siar air Muile, agus
sruth an lionaidh leotha.
“Fheara mo ghaoil,” ghlaodh am manach
an ceann treise; ‘ ‘ fheara mo ghaoil, chi mi I,
chi mi I—ach, O, Dhia nan Gras, tha am
bata a’ dol fodha!”
Thoireamaid an ceart aire gu
bheil ar bata fallan, a chum gun ruig sinn I,
agus nach deireadh-sgeoil duinn an t-aigeal
fuar sin far an lionmhor sligean failmhe agus
taibhsean nan daoine a bha ann.
* * T: *
Seo pairt de na sgriobh Coinneach MacLeoid
mu’n “Chlachan A Bha Ann, ” agus saoilidh
mi gu bheil againn an seo solus air an t-seorsa
spioraid is inntinne a bha ann fhein.
* * * *
‘ ‘ Bha clachan ann, is tha e ann fhathast, ged
nach ionnan tuar dha an diugh, is chan ’eil
bruadar a thig chugam anns an oidhche nach e
as ceann-uidhe dhomh. Thug manaich na
h-I deisearachd greine is culachas gaoithe dha,
chuir na Lochlannaich ainm, no co-dhiubh
ath-ainm, air, agus riusan leis am b’aill a
lorgachadh theirinn gu bheil e ri bonn na beinne
is ri taobh na mara, is gum bu chomraich riamh
a chaladh do luingeas a’ Chuain Shiar. Is
sgeul-ruin an corr mur innis na roin no na
lachain e. ’ ’
Ruith MacLeoid air eachdraidh a’ chlachain,
linn as deidh linn, mar gum biodh gach ni a
thachair a’ tachairt a rithist fa chomhair a shul:
‘‘Chan ’eil uair a dhuineas mi fein mo dha
shuil, is mi am aonar anns an oidhche, nach
’eil, mar gum b’eadh, loch fior-ghlan air nach
ruig gaoth a’ sgaoileadh a mach fa mo chomhair.
is anns an uisge chi mi faileas a’ chlachain o
thus a eachdraidh gus an la an diugh, is e a’
sior-chaochladh o linn gu linn. ’ ’
‘‘Canntail nam manach is gair na mara ag
iarraidh suas le cheile gus na neoil . . . . na
longan Lochlannach anns a’ chaladh, an
clachan’na smuid .... teine nan Loch¬
lannach a’ dol as . . . . fir a’ bhaile air
cnoc na comhairle ag eisdeachd ris a’ bhritheamh
. . . . na mnathan shios air a’ chomhnard
a’ cuigealadh is a’ brathadh . . . . na
fineachan Gaidhealach an sgomanan a cheile
. . . . ceatharn smearail de lasgairean a’
fagail na laimrige am beul an la; prasgan fann
de chreuchdaich a’ tilleadh am beul na h-oidhche
. . . . mnathan ’ nan seasamh air a’ chladach
a’ caoidh nan gaolach nach till. ’ ’
Tha e an sin a’ gabhail beachd air ‘‘beatha
laitheil an t-sluaigh, mar a dh’aithriseadh i o
bheul gu beul, is o linn gu linn, gus an d’rainig
an sgeul mise. Bha nithean ann, is tha iad air
neadachadh am chridhe air a leithid de dhbigh
is gum faod mi a radh le firinn gu bheil mi 'gam
faicinn leis an t-suil a chunnaic is ’gan
cluinntinn leis a’ chluais a dh’eisd ....
Breith is bas—leineag is leine ....
crabhadh is saobh-chrabhadh air an aon ghleus,
a’ caoineadh is ag aslaich leis an aon
teangaidh. ’ ’
‘‘B’e mo roghainn fein seach gach aite an
airigh, taobh thall na beinne os cionn a’
chlachain. Chan ’eil innte an diugh ach
taibhsean, ach chunnaic mo dha shuil na ceart
taibhsean sin air an comhdach le full is le
feoil .... Innsidh feadhainn eile cuin
is car son a bha an airigh ann, an seorsa cruidh,
an seorsa bhothan, a bhiodh oirre, an seorsa
culaidh a bhiodh air na maighdeanan; ach
innseam-sa, air ghiorrad an sgeoil, gne na
muinntir a thriall o bhaile gu beinn Lk Buidhe
Bealltainn. . .
‘‘A’ chuid sin nach do thuig mi de ghne is
de bheus an t-sluaigh, is mi leis a’ chlachan
air airigh, thuig mi is mi leis a’ chlachan air
cheilidh. Chi mi fhathast fa chomhair mo
shul an taigh am biomaid a’ cruinneachadh—
an teine an teis-meadhon an iirlair—gainmheach
gheal air a sadail air gach sparr is air gach
cabar a chumail na snighe o thuiteam—na
mnathan a’ cuigealadh, na fir a’ toinneadh
sugain is a’ sniomh siomain—giollan a’
frithealadh an teine, giollan eile a’ frithealadh
a’ chruisgein .... Is ciod an seorsa
mold a bhiodh againn? Innseadh seachd
riaghailtean na ceilidh sin. 1.—Is righ fear-
an-taighe. 2.—Chan ’eil claon anns a’ mhodh.
3.—Is mothaid rud aithris. 4.—Seanfhacal o
chul na mona, toimhseagan o’n t-slige-
chrixsgain. 5.—Min-innseadh nan uirsgeul gu
meadhon-oidhche—garbh-innseadh nan uirsgeul