Skip to main content

‹‹‹ prev (338) AdvertisementAdvertisement

(340) next ››› Page 80Page 80

(339) Clar-Innsidh [Contents] -
THE GAEL
THE MONTHLY MAGAZINE OF
AN COMUNN GAIDHEALACH
Editor
Rev. T. M. Murchison, M.A.
All correspondence should be addressed to the Editor,
except that concerning advertising, which should be
addressed to the Secretary, while Subscriptions should
be sent to the Treasurer.
65 West Regent Street,
Glasgow, G.2.
Telephone: DOUglas 1433.
CLAR-INNSIDH
Principal Contents
Gaidhlig
Coinneach MacLeoid - - - 79
Null do Mhuile - - - - 82
Cleas-Cluiche - - - - 85
English
Rev. Kenneth Macleod, D.D. - 81
Return to Aberdeen - - - 84
Story of An Comunn - - - 87
Treasurer’s Notes - - - 88
An Gaidheal Og
Sgeirean, Bodhannan, agus Eileanan
na Mara _ _ _ _ 19
A’ Chomhstri eadar Dubhaird agus
Loch Buidhe - - - - 20
Leabhar L
AN T-SULTUIN, 1955 Aireamh 9
Coinneacli MacLeoid
CHAOCHAIL an t-Ollamh Urramach
Coinneach MacLeoid air an naothamh
la de’ n luchar, agus dh’ fhag sin caoidh
am measg gach seorsa aig an robh aithne air
no m’a thimcheall.
Cha d’rinn Coinneach MacLeoid moran
cuairtearachd an tirean ceine, anns na ceithir
fichead bliadhna agus a ceithir eadar la a
bhreith an eilean Eige agus la a bhais am bade
Dhun-eideann. B’ ann anns na h-eileanan agus
air taobh siar na mor-thir a bha a ghluasad fad
a la. Ach nach iomadh siubhal a rinn e air
sgiathan na h-inntinne agus ’na mhac-meanmna,
agus thug sin dha sealbh air rioghachd na’s
fharsainge agus na’s saoibhire na bha aig an
Impire a bu mho a bha riamh air thalamh.
A mach bho na leabhraichean de “Grain
Innse-Gall’’ a chuir e fhein agus a’ Bhean-
uasal NicUalraig Fhriseil a mach, cha d’fhag e
moran sgriobhte againn. Gheibhear rosg
Gaidhlig bho a laimh anns an Celtic Review,
an Rosg Gaidhlig, an Leabhar A’ Chlachain, anns
a’ mhiosachan seo, agus an aite no dha eile.
Chuala sinn gu robh e a’ deasachadh leabhair
anns na bliadhnachan deireannach, agus is e
ar dochas gun cuirear an clo e cho luath ’s as
urrainn.
B’e miann a chridhe gum maireadh subhail-
cean ar daoine am measg an sliochd, agus gum
biodh meas maireannach air ar canain agus na
bhuineas dhi. Chuidich e mar a b’ fhearr a
dh’fhaodadh e ri Aobhar na Gaidhlig a neart-
achadh, agus tre a shaothair-san rinneadh
dileab nan Gaidheal, eadar chanain is cheol
is dheagh-bheusan, aithnichte do’n t-saoghal
gu leir.
Seo mar a sgriobh Coinneach MacLeoid o
chionn corr is dh fhichead bliadhna, agus tha
barrachd feum an diugh na bha riamh air aire
is umhlachd a thoirt d’a bhriathran.
Tha an t-earra-dhubh air bruidhinn, agus gu
sonraichte air sgriobhadh na Gaidhlige. Ma tha
no nach ’eil an sgamhan innte, chan ’eil
co-dhiubh an craiceann min boidheach oirre a
bu chaomh leis na h-athraichean. Tha guth
na Beurla ann am beul na Gaidhlige; tha ar
smuain gun salann; tha ar cainnt gun bhlas,
gun ghrinneas. Gaidhlig an la an diugh— a’
mhor-chuid dhith co-dhiubh—chan ’eil mo
dhuthaich no mo dhaoine innte; cha do ghuil
i le Deirdre an Gleann Eite; cha d’ aslaich i le
Calum an I; cha do shuidh i air Cnoc na
Comhairle le Buachaille nan Eilean; cha tug i
sgeul riamh a crann na luinge a sheol gus an
Eilean Uaine an de agus a sheolas air a h-ais
am maireach. Agus nach ’eil a bhuil air ar
cainnt agus air ar litreachas! Tha iad le cheile
a’ dol an diosg, agus le cion a’ bheathachaidh
tha fuil agus aigne ar daoine a’ sior-dhol am
fuarad ....
An la sin a theid ar canain agus ar litreachas
fo lie, agus a chailleas sinn na subhailcean
a bhuineadh do ar daoine, ar n-uaisle, ar
teoghalachd, ar dilseachd, ar fearas-fo-thuinn,
is e an dearbh la sin deireadh ar sgeoil ....
— 79 —