Skip to main content

‹‹‹ prev (317) Aireamh 7, SupplementAireamh 7, SupplementGaidheal Og

(319) next ››› AdvertisementAdvertisement

(318) Page 16 -
AN G AID HEAL OG
saighdearan mar na meanbh-chuileagan fo
a laimh. Bha an la gun teagamh le Alasdair,
ged chaill moran de na daoine an dachaighean.
Chan fhaicear a leithid seo de dhuine anns
an am seo. Car son ? Tha direach gum biodh
na daoine anns an t-seann aimsir ag ithe an
leoir de phros, lite coirce agus eorna, agus aran
eorna am pailteas. Cha chuir daoine an la an
diugh am beul air a leithid de bhiadh seo. Is-
fhearr leo an stuth Gallda a gheibh iad anns na
buthannan. Thoir dhomhsa an t-aran coirce!
Is e seo a dheanadh na daoine laidir treuna mar
a bha Alasdair Mor. Gu de bhur beachd fein
air a’ ghnothach?
Iseabail NicAsgaill
(Acadamaidh Rioghail Inbhir-Nis)
“An rod a nit hear a dh’aindlteoin*’
AIR oidhche araidh mu thoiseach an
t-Samhain ioma bliadhna air ais chaidh
an seanfhacal seo a dhearbhadh fior
dhomhsa. Cha robh mi ach 6g aig an am, agus
cha robh moran tlachd agam air a bhith a’ dol
a mach air an oidhche, seachd araid anns a’
gheamhradh; ach, ge b’oil leam, thainig orm
a dhol a mach air an oidhche seo agus bu ghoirt
an ceannach a bha agam air.
Bha muinntir an taighe air fad air a dhol a
mach a cheilidh ach mi fein is m’athair. Bha
mise a’ leughadh leabhair fa chomhair teine
mor mona, agus bha m’ athair agus sruth falluis
dheth a’ caradh bhrbg am meadhon an lair.
Mu sheachd uairean bhuail am pathadh e
agus chaidh e a mach a dh’ iarraidh dibhe. An
uair a dh’ fhosgail e an dorus fhuair e oiteag de
ghaoith reota anns an aodann. An uair a
chaidh e chun na tobrach bha am burn air
reothadh cho cruaidh ri cloich. Phi 11 e
dhachaigh agus mus do nochd e a steach an
dorus dh’eubh e rium, “Tha i a’ reothadh gu
biorach, a bhalaich! ’ S fhearr dhuit do bhrogan
a thilgeil ort agaus a dhol a chur a steach an
reatha.
Cha robh mise ach leisg eirigh air falbh
bho’n teine bhlath thaitneach ud, agus thionnd-
aidh mi cluas bhodhar do’ n ordan ud. Mus do
chrom m’athair sios chun nam brog a rithist
mhothaich e nach robh guth agam air falbh.
Cha do chord sin ris. Dh’eubh e a mach, “An
cuala tu an rud a thubhairt mi riut ? Thoir do
chasan leat a mach a seo no bheir mi dhuit am
pios leathair seo mu chul nan iosgaidean!’ ’
Thuig mise an uair sin nach robh feum
dhomh a bhith a’ breabadh an aghaidh nan
dealg. Chomhdaich mi mi fhein le aodach mor
tiugh, agus dh’fhalbh mi gu leisg, slaodach,
mall a mach gu Cnoc na Cloiche far an robh an
reatha ceangailte.
Bha oidhche bhriagha shoilleir rionnagach
ann, an talamh cho cruaidh ri iarann agus e a’
bristeadh le brag beag cruaidh fo mo bhrogan
mora tacaideach. Ged bha mi ’ga ghabhail gu
sligeach, rainig mi an t-aite mu dheireadh thall
gu sabhailte. Thog mi an cipean agus dh’fhalbh
mi do’n bhathaich leis an reatha agus cheangail
mi ’na aite fhein e.
An deidh dhomh a cheangal gu tearainte
mhothaich mi de sgealbain bhuntata ann
am boesa agus smuainich mi gu robh e a cheart
cho math beagan a thoirt do’n bheathach. An
uair a chrom mi mo cheann air son a bhiadh a
chur fo a shroin thug mi an aire gun do ghabh
e ceum air ais, ach bha mi cho gorach agus gun
do smuainich mi gur ann a’ feuchainn ri teich-
eadh bhuam a bha e, ach b’fhada a gabh e
bhuaithe. Thug a’ bhiast boc as agus dh’fhag
e agam a dha adhairc chumhachdach an clar an
aodainn. Chuir a’ bhuille seo mi car-a’ -
mhuiltein a null gu casan na ba a bha ann an
ceann thall na bathcha. Mun d’fhuair mi mo
chasan fodham a rithist leig a’ bho breab aisde
agus ghlac i mo luirgean.
Dh’fhalbh mi a null do oisean na bathcha
agus mi a’ ranail le cradh agus air at le feirg.
Cha leigeadh an t-eagal leam a dhol dhachaigh
oir bha naire orm innse mar a thachair. Mhoth¬
aich mi do sheann bhonaid a bha air a thilgeil
chun na sitig an la roimhe, agus chuir mi mu
mo cheann i gus am falaichinn laraich adhair-
cean an reatha air mo mhalaidh.
An uair a shaoil mi gu robh mi an suidh-
eachadh freagarrach air son a dhol dhachaigh,
dh’eirich mi, rug mi air an reatha agus thilg
mi chun na sitig e. An sin dh’fhalbh mi
dhachaigh agus thubhairt mi ri m’athair nach
fhaca mi sgeul air an reatha. Cha b’e an taing
a b’fhearr a fhuair mi. “Mur faca,’’ arsa
m’athair, “tha mi a’ creidsinn gur e cho beag
is a rinn thu a choimhead air a shon a bu
choireach air a sin. ’ ’
Cha dubhairt mise an corr agus, ged nach
robh an oidhche ach 6g, dh’fhalbh mi ’nam
dheann do’n leabaidh air eagal gum febraich-
eadh e dhomh de air an t-saoghal a bha a’
fagail a’ bhonaid ragaich ud orm.
Anns a’ mhadainn bha mo mhalaidh air ais
gu a h-abhaist, ach cha do thuig m’athair
riamh, ged bha amharas math aige, ciamar a
bha teadhar an reatha am broinn na bathcha
agus an reatha fhein a muigh!
Coinneach Mac-a-Phi
{Acadamaidh Rioghail Inbhir-Nis)