Skip to main content

‹‹‹ prev (316) Page 68Page 68

(318) next ››› Page 16Page 16

(317) Aireamh 7, Supplement - Gaidheal Og
AN GAIDHEAL OG
MIOSACHAN GOMUNN NA H-OIGRIDH
Leabhar VII AN T-IUCHAR, 1955
Aireamh 7
Alasdair Jlor an t-^rnthain
THA mar as trice sgeul aig a h-uile eilean
an Innse Gall mu dheighinn euchdan a
rinn daoine, agus gu dearbh tha a cuid
tein aig Uibhist a Tuath, ma’s e breug no firinn
iad. Ach cuiridh mise mo chinas air a’ gheall
gur e smior na firinn a tha anns an sgeul a tha
mise a’ dol a dh’ innse dhuibh—sgeul a chuala
mi aig seann bhodach as a’ bhaile againn, agus
gu dearbh is math a b’ aithne dha a h-aithris.
Bha ann roimhe seo a’ fuireach air an
t-Sruthan Ruadh ann an sgir Sholais duine mor
treun d’am b’ainm Alasdair Mor. Cha robh
■duine ’na la cho laidir ri Alasdair coir, oir bha
sin gle dhoirbh dhaibh a bhith.
Bha Alasdair o a oige a nuas laidir curanta.
Bha e ard, mor-chnamhach ’na chruth, agus
bha na feithean ’na ghairdean cho cruaidh ris
an iarann.
Is iomadh sgeul a tha air aithris mu a
threisead agus a euchdan nach creideadh neach
mur faiceadh e iad.
Bha Alasdair aon la a’ tighinn dhachaigh
a Lochmam-madadh le lan cairteach de mhin,
an uair a thug an t-each truagh aige thairis aig
Cnoc ’ Ic Eoghainn. Cha do chuir seo smal air
mo laochan. Is ann a thog e an t-each bochd
do’nchairt, agus dh’fhalbh e fhein a’ draghadh
na cairteach agus na bha innte as a dheidh fad
tri mile gus an d’rainig e a dhachaigh!
Uair eile gheall Fear Bhaile Raghnaill siol
dha, nan tigeadh e fhein ’ga iarraidh. Cha bu
ruith ach leum le Alasdair a dhol a dh’ iarraidh
an t-sil, agus e cho gann aig a h-uile duine a’
bhliadhna ud. Thachair gu robh pradan de
ghreigheir aig Fear Bhaile Raghnaill a dh’ fheuch
a char a thoirt a Alasdair. Ach cha robh sin
aige-san mar a chuid fhein. Bha goirt an
ceannach aige gu dearbh air a chuid chleasan.
Seo mar a dh’fheuch e a char a thoirt as an
fhuamhair mhor seo. Cha tug e leth is a bu
choir de’n t-siol do Alasdair, agus e an dixil
nach toireadh Alasdair an aire. Ach cha robh
Alasdair cho faoin is a bha e an diiil!
Mun do tharr Alasdair air falbh as an
t-sabhal thug e an aire nach robh gu leor sil
ann. Bha fhios aige roimhe seo nach robh anns
a’ ghreigheir ach am bumailear, agus a mach a
thug e as a. dheidh. Rug e air gu cruaidh
daingeann. Shad e e o aon cheann de’n t-sabhal
chun a’ chinn eile, agus mur ’eil mise air mo
mhor-mhealladh bhris e a h-uile cnamh ’na
chorp. Cha do dh’fheuch an greigheir a char a
thoirt a Alasdair Mor tuilleadh.
Uair eile chaidh bo le Alasdair am poll a
muigh anns a’ mhointich, agus cha robh fear
aig baile a chuidicheadh e g’a toirt as. Mar
sin chaidh Alasdair ’na aonar g’a sabhaladh.
Chuir e a lamhan treuna timcheall oirre agus
thog e i slan fallain as a’ pholl. Cha deanadh
sin an gnothach! Is ann a thog e i air a dhruim
agus dh’ fhalbh e dhachaigh leatha. Sin agaibh
balach treun!
Uair eile fhuair e cuireadh gu coinneachadh
ri duine anabarrach laidir a fear de na h-eileanan
eile. Dh’fhalbh Alasdair gu Loch-nam-
madadh a dh’fheitheamh a’ bhata a bha a’
giiilan an duine threun seo. An uair a choinnich
iad ri cheile rug Alasdair air laimh air. Bha
a ghreim cho laidir is gun do bhris e a dha no
tri de mheuran an duine eile. Bha duil aig an
duine roimhe seo nach robh a choimeas fhein
anns an Eilean Fhada gu leir. Ach bha e air a
mhealladh. Thachair a sheise ris an la ud.
Bhris am fuamhair seo a mheuran agus theich
e dhachaigh le a bheatha cho luath is a bheireadh
a chasan cothrom dha.
Ann an linn Alasdair Mhoir bha iipraid
uamhasach air feadh Albann gu leir. Is ann
aig an am seo a bha “Falamhachadh na Gaidh-
ealtachd’ ’ ann, agus is iomadh bron dorainneach
a thug sin a dh’ ionnsaigh nan Gaidheal. Is ann
aig an am seo a chuireadh “Blar Sholais’ ’ agus
Alasdair Mdr ’na theis-meadhon.
Bha Alasdair Mor ag obair air an fhearann
an uair a thainig am maor agus na saighdearan
a spiiilleadb. Ghabh iad gu taigh Alasdair an
toiseach, agus b’ fhearr dhaibh riamh nach deach
iad ’na choir. Chuala Alasdair iomradh air seo
agus dh’fhag e na h-eich agus an crann agus
ghreas e dhachaigh. An uair a thoisich e ri
sabaid bha e mar leoghann borb agus fiadhaich.
Fhuair e greim air cabar maide agus bha na
15