Skip to main content

‹‹‹ prev (177) Page 169Page 169

(179) next ››› Page 171Page 171

(178) Page 170 -
170
AN DEfc-GEfilNE.
Sheas an taillear mar bu ghnath ’s cha d’
dhearmad e na boidean,
Ghnathaich e’naisinn mar a b’abhaist rud
nach aicheadh mi air moran.
’S air feasgair araidh thilg e’n t-snathad
bhuaith ’s chuir e’n cbta mor air,
’S le earradh Chailein, ’s bata daraich, thug
e suas ’n aird mhoir air.
’Nis bha ’ghealach thar a’ bhealaich ’cur
faileas air na lointean
Is bha Mactalla as gach bearradh ag aithris
a chuid brain,
Is e leum gu luthmhor ealamh thar ath-
ghoirid na mbintich,
’S ’nuair a rainig esan Ciil a’ bhaile bha
gairdeachas ro-mhor ann.
’N am suidhe sios thuirt Cailean: “ Air do
bharrachd eblais,
“ Mu ’n cuairt gu luath an t-slige-chreachain,
’s cha charaid dhomh nach bladh.”
Eadar naigheachdan mu mhanaidh, ’s greis
a’ gabhail brain,
Theich an uair air sgeith na cabhaig, ’s
thainig am nam bbcan.
Bha seachd gealaich anns an athar, is adharc
air gach aon diubh,
’Nuair thug Calum aghaidh ’dhachaidh, ’s
eallach air gach taobh dheth :
’S le cur nan car dheth thug e thairis, ’s
thachair lagan fraoich air :
Shuidh e tamall a tharruing anail is chaidil
e—mo laochan !
’S thar leis gun d’imich e troi’ fhearann a’
bha gu leir fodh chraobhan,
’S thachair air-san duine fearail—coltas
druidh no aosdan.
Bha fait a’ chinn cho geal ri canach, no ri
blann caora,
Thainig fiamh-ghaire air ris an taillear,
’s labhair e gu saodar.
Le failte bhaigheil shin e ’lamh dha: “ Cia
mar tha thu ’laochain?
Tha thu gleidheadh na Calluinn mar a
b-abhaist anns a’ bhaile daonnan,
Fear do thalann bhi ’n a thaillear: cuis
mhulaid mhoir is chaoineadh,
“ Gabh le bata, theirig thairis, ’s thig thu
dhachaidh ’s maoin leat! ”
Bha bata carrach air a chladach ’s i aig cala
daonnan.
Bha gach aisean dhi air sgagadh, ’s bha gach
sgar air faoisgneadh,
Dh’fhabh Calum ’s e na chadal, is thug e
peallan fraoich leis
’S rinn e ’tearradh uile thairis, ’s cha b’e an
salann saor e.
’Sann sin ’bha ’chaithream feadh a’ bhaile,
caismeachd agus glaodhaich,
’S gaisgeach fearail Taigh a’ bhealaich ’s e
cur brath air daoine,
A’ fasdadh bhalach a rachadh thairis a
charnadh suas a’ mhaoin dha.
Bha gach cailleach air a’ mealladh, ’s bha
gach caile ’n gaol air!
’N am dhaibh tarruing ’mach bho’n fhearann
thainig moran dhaoine.
’S ghlaoidh a’ chailleach, “ An cluinn thu,
’Chaluim, tha mise nis am aonar,
“ Tha mhuir ag eiridh suas ’n a meallan, ’s
gu cinnteach ni i ao-dion
“ ’S air sgath na dh’fhag thu ’n Taigh a’
bhealaich
Na di-chuimhnich an taoman.”
’.Dol seachad carraig Phort na Cathrach
thainig plathadh gaoith’ air,
“ ’Nis sibh fhearaibh, bithibh ealamh,
caraibh rithe h-aodach.
“ Ged dh’eireadh tuinn a suas ’n an steallan
leigibh ris a’ mhaol i,
“ Tha coltas frasan air an athair, ’s cha ’n
’eil a’ Mheall aird aobhach.”
A dol troi’ chamus Phol na h-eala chaidh am
bat’ air faondradh,
Chaidh an crann ’n a lub ’s ’n a chamag, ’s
theich na raimh ’s an taoman,
Thainig tonn cho mor ri Canna a thug
sgailleag anns an taobh di,
’S chaidh am bata as an t-sealladh a cheart
cho grad ri faochag.
Rinn Calum treun a chulaidh-mhaitheis a
shabhaladh a dhaoine
Ach bha mi-fhortan an dan dhaibh, ’s cha
robh stath ’bhi caoineadh,
Dh’eirich Muc-mhara mhor mu choinneamh,
’s i comhdaichte le gaoisid,
’S thug i suil ’bha taireil air an taillear, is
labhair i an t-aoir seo—
“ A Chaluim ghrannda chaidh a’ d’ dhralaig
leis mar ghabh thu’n daorach,
“ Cha do ghabh thu comhairle bean no balach,
’s bha ’chailleach trie air t-aodann,
“ Cha deach caisgeadh riamh air m’ iota bho *n
sgeith mi’m Faidhe lonah
’S ged nach ’eil thu mor no reamhar carson
nach deanainn baoid dhiot.
“ Gu’m faic thu tuille Taigh a’ bhealaich
cha ruig thu leas ’bhi saoilsinn.
“ An uine bhig cha bhi thu ’maireann, cha
’n ’eil maitheanas r’ a fhaotainn,
“ Theid thu learn air chuairt na mar a, ’s thu
cnamh gu brath am chaolain,”
’S an sin an gradaig ghlam i Calum ’s
chagainn i na craos e.