Skip to main content

‹‹‹ prev (44) Page 36Page 36

(46) next ››› Page 38Page 38

(45) Page 37 -
AN DEO-GREINE.
37
t-atharrachadh ann; mur bitheadh car-son a
bhiodh e feumail do Chalum Cille am focal
naomh “eadar-theangachadh” do na
Cruithnich faodar a radh, ach is e bun na
cuise an e “eadar-theangachadh” uile gu
leir a bha an seanachaidh a’ ciallachadh leis
an fhocal a chuir e sios. Is dbcha gur e
“mlneachadh” a bu dliiithe air ciall an
fhocail le sealltainn a stigh ann sa’ chilis.
Is ceist i a reir coltais nach gabh cur an
leth-taobh le cinnt, ach co dhiubh air do na
Sgotaich an creud cho math ri an teaghlach
rioghail a thoirt do Cheiltich Albann cha’n
eil an teagamh is lugha nach b ’i an teanga-
san a thainig ri bine gu bhi ’na cainnt
lathail do’n Eaglais is do inmhich na tire.
Mar sin faodar teachd nan Sgotach is gu
h-araidh linn Chaluim Chille a ghabhail mar
thoiseach rian-chklachaidh Cheilteach
Albann. Tha mi an duil gu’m bheil so
iomchaidh am barrachd is aon doigh. Thug
teachd an Naoimh Calum Cille, is dh’aobh-
araich e, an bine cho beag an tuille
mbthaidh air an dbthaich is sin gu a leas na
thainig ri linn aon duine eile riamh bhuaithe
sin gu so. Fhuair e i fo dhuibhre na
Paganachd; cha d’fhag e i gus an do lasadh
Ibchran an t-soisgeil tuath is deas. Fhuair
e i roinnte ’na h-aghaidh fein le claidheamh
rhisgte anns gach ceam is aig gach treubh;
cha robh i fathast ’na h-aon aig 1& a bhkis,
ach b’ann le m6r ghealltanas air an la sin a
bhi a nis san amharc a dhhin e a shbil.
Gha’n fhaodar a chreidsinn gu’n robh an
dbthaich roimh a Ik-san uile gu l&r cho
allabharra is a theagaisgear dhuinn le cuid
de luchd eachdraidh, ach fathast bu mh6r
an t-adhartas a rinn i fo stiuradh Chaluim
Chille chibin. B’esan da rlreadh m6r
ghaisgeach rian-chklachaidh nan Gaidheal;
reitich e ionad na steidh is leag e i air a
bunait gu daingeann, clnnteach, air los is
gu’n do sheas i gach dkachainn fad shfe ceud
bliadhna, is gu’m bheil a m6r bhuaidh ri a
faicinn gus an latha sam bheil sinne beo.
Bha e ’na chomas sin a dheanamh, ged
tha, a chionn gu’n robh feartan co-cheang-
ailte ris a’ chinneach a rinn e comasach da
a leagail: cha togar aitreibh air a’ ghain-
.mhich air cho comasach is cho ealanta ’gam
bi an clachair. Gun bonn-steidh de’n
chruadhlaich a bhi shlos cha chuirear an
luchairt suas.
An linntean tratha a h-eachdraidh gu ruig
km teachd an t-soisgeil bha Gkidheil na
h-Albann ro aineolach is borb ’nan giulan.
Cha do rinn aiteach an fhuinn fathast an
t-aghartas a rinn e air a’ mhachair fo
lamhan an co-bhraithrean na Ceiltich deas
air Cluaidh is Forchu. Bha an dbthaich
fathast an tomhas m6r comhdaichte le coille,
is b’e sealg nam fiadh-bheathach priomh
cheird a’ Ghkidheil gu a theachd-an-tlr a
chosnadh bho spbgan nan sian. Bha e
daonnan deas, is leig e a dhbthchasachd ris'
gu ro-chamharraichte gus an coigreach a
thainig ’na fhochair a chur gu dhbbhlain is
a thilgeadh air ais a rithist an taobh a
thainig e. Bu leis fein a dhbthaich is bha
e an geall air a nbsan fein a ghleidheadh
innte. Is e sin toiseach is smior an rian-
chalaehaidh, coir a’ choigrich air fearann a
dhbthchais kicheadh, is co-bhonntachadh ’na
aghaidh a chur dion air leac an teintein. Is
e sin subhailc as kirde a fhuaras riamh anns
a’ chinne-daonda, is ’nar ceud sealladh air
Gkidheil Albann bha an t-subhailc sin gu
h-krd is gu measail air a togail fa chomhair
an gnbis, is air a teagasg ’nam measg. Cha
bu mhb a chuireadh dearmad innte ri linn na
teachdaireachd bir a chaidh a nis iomchar
chuca an Ikmhan is am beusan Chaluim
Chille is a chompanaich. Agus cha bu leisg
no ml-shuim a dh’fhbghlum e dhoibh co-
fhillte ri a shoisgeul br, ach saoithir is surd,
cbram is gniomhachas, maille ri daondachd,
irioslachd is mbraltachd.
Dh’fhbghlumadh na c^irdean, kiteach-
fuinn is tachras, cho math ri gnlomhan
fearail a’ chatha, oir gun gach cuid dhiubh
a, laimh a ch&le cha bu dbth do chinneach
a bhi an geall air tighinn gu Ire kird am
measg nan rloghachd; is bha Calum Cille an
geall air Alba a ruin a bhi krd is measail an
taobh siar na h-Eorpa. Thug e aire do
fhoghlum litreachais. Bha e fein air hr-
thighinn k dachaidh an fhbghluim, a Eire,
eadhon aon de a priomh sgoilearan, is bha
e an dkn do’n t-solus a bha ’na laimh
dealradh, cha’n ann a mhkin air fad is leud
na h-Albann, ach gu ruig Sasuinn, is eadhon
ceamaibh iomallach na h-Eorpa.
Cha’n eil e ’nar comas am meas is
iomchaidh a chur air ceann Chaluim Chille.
Thog e ainm nan Gkidheal, ainm na
h-Albann is ainm nan Ceilteach gu h-krd am
measg nan cinneach. Dhearbh e ’na
phearsa fkin is am pearsa a luchd leanmh-
ainn gu’n robh an rian-chklachadh a
shuidhich a an Eilean I comharraichte am
measg nan slbgh, is an geall anns na
linntean ’na dhkidh air sloigh nan Eileanan
Breatannach uile is na bha am faisg de’n
Eorpa a tharraing ’na luirg. Is dheanadh e
sin mur bitheadh gluasadan ceacharra
millteach a thog ceann is a chuir grabadh
anns an obair. Tha mi a’ ciallachadh teachd