Skip to main content

‹‹‹ prev (43) Page 35Page 35

(45) next ››› Page 37Page 37

(44) Page 36 -
36
AN DEO-GREINE.
EACHDRAIDH NA CANAIN
GHAIDHLIG AGUS TUS LEASACH-
AIDH CEILTICH AN ALBAINN ROIMH
1600.
LE EACHANN MACDHUGHAIL, GLASCHU.
A’ Cheud Duais aig Mod Ghlaschu, 1921.
“Aon teang cha’n eil ri coimeas ri’;
Am bias no fonn cha l&r dhomh i.
Gu’n d’labhradh i re iomadh linn,
An dkn’s an ceol;
Am meas ro mhor;
An ciiirt nam flaith ’s nan righrean coir
’S am briathraibh ceolmhor bhkrda. ’’
Tha tiis rian-chalachaidh a’ Ghaidheil,
mar gach fine no sluagh eile air aghaidh
saoghail, a’ dol cho fada air ais san aimsir
chein is nach ’eil crios-tomhais an laimh an
fhir-eachdraidh a ruigeas air. Fathast cha
do dh’fhiosraicheadh riaghailt gu a thomhas
no a chomharrachadh a mach ciod an inmhe
ris an coir toiseach a radh. Cha’n eil tois-
each ann is cha robh, an eachdraidh sluaigh
no ni eile fo’n ghrein, eadhon gus an ruigear
bunaitean am bith thall an sud, cul nan
sgail, far nach ruig sealladh na siila air an
diugh. Anns an aon doigh is seadh, cha
mhb a bhios crloch air eachdraidh sluaigh,
gun cinnich is an cinne-daonda uile a
thilgeadh a bith.
An aon toiseach is aithne do’n fhear-
eachdraidh ’se an tiis-iomradh a tha osag na
h-aimsir chein ag aiseag chuige mu dheanad-
asan an ama sin a tha a’ tighinn fo aire. A
thaobh Albann is nan Eileanan Breatannach
an cumantas tha teachd nan Bbmanach am
bitheantas air gabhail ris mar thoiseach ar
n-eachdraidh. Faodaidh so a bhi ceart an
aon seadh, cho fada is a tha eachdraidh
sgrlobhta a’ tighinn fo ar n-aire, ach nach
fada so bho’n toiseach gun teagamh.
Feumar meomhrachadh na’s fhaide air
falbh na eachdraidh sgriobhta. Tha comh-
araidhean eile ag eirigh suas na’s fhaide air
ais cho math ri bhi na’s dliiithe do laimh na
teachd nan Romanach nach faighear
sgriobhta an eachdraidh ged a bhiodh i air
a cur slos na’s meana na tha i. Is e so
saoghal an arsair is cha’n eil e tearc gu a
sgeul fein a liubhairt seachad.
Dhuisg Monas an aigne na gaoith an iar
an la roimhe is ’na conspaid rhisg i r&s eile
de’n bhaca ghainmhich ri aghaidh an
t-siabain, is ciod a thug i ris aon uair eile
nach faca siiil bho cheann nan iomad Ik?
luchair bheag umha air a h-oibreachadh gu
h-eagnaidh an sud, is an so sgeall de bheul
poite ere air a cumadh gu snasmhor is
sgrlob mar dh&s srkbhaig fheoir ri a h-oir.
Tha iad agam thall an sud. Tha clach mhor
air a leagail air ceithir postachan air a’ chnoc
ud thall, is fa chomhair shios air a’
chomhnard dk leao ’nan seasamh air an cinn
san talamh. Cha’n eil sgrlobhadh a’ toirt
iomraidh orra so, ach tha an eachdraidh fein
aca ri h-innseadh dha-san a thuigeas.
Sgeul air rian-chklachadh nan slogh ud a
dheilbh is a chuir gu feum an dara aon is a
shuidhich air am bonnaibh far am bheil iad
an diugh fathast an fheadhainn eile. Agus
cha’n eil an so ach aon doigh anns am bheil
eachdraidh air a h-aithris a bhkrr air an
fhocal sgriobhta. Tha i ri a h-aithris an
cleachdainn na tuatha, fearas-chuideachd is
sean-fhocail, luinneagan is duanagan,
saobh-chrkbhadh, ainmean kitean, ar
n-ainmean f^in, gairm gach seorsa treud,
eadhon na focail de am bheil ar cknain air
a deanamh suas, seadh is ar bith is ar nkdur
fein, is'gach smuain a dh’eireas suas ’nar
ere, ’nar cadal is ’nar duisg! Gun teagamh
cha ghabh am beachd mu dheireadh so a
dh’ainmich mi cur am briathraibh is an
tomhas, no dearbhadh a thoirt orra, ach c6
e an Gkidheal nach d’fhairich e ’na aigne
f&n.
Cho fada is a tha eachdraidh a’ toirt
soillearachaidh dhuinn, air do sgkil-bhrat na
h-aimsir ch&n a bhi air a togail bhkrr
aghaidh nan diithchannan so, mu’n km san
d’lmich Criosd air thalamh bha an cinneadh
Ceilteach an Ikn sheilbh an Albainn bho
cheann gu ceann is bho thaobh gu taobh.
Bha e so, faodar a rkdh, anns na h-Eileanan
Breatannach air fad, is gu teachd nan
Sacsonnach cha d’thainig muthadh air a'
chilis. Bha gun teagamh gluasadan air
tbiseachadh gib thrkth eadar ceann a tuath
na h-Eireann, is cbrsachan siar na h-Albann,
ach ged nach faodar an dearmad, cha robh
an so ach imrich eadar-chinneadail, is mar
shluagh Ceilteach le cheile, cha d’thug sin
mor aomadh air full slbigh na h-Albann. Co
dhiubh, is e so beachd dhaoine am bitheantas
an diugh, is ged nach bu bheag an t-eadar-
dhealachadh a bha eadar Sgotach is
Cruithneach bu Cheiltich iad le chbile is mar
sin b’aon chinneach iad.
Ach an ni mu nach ’eil foghlumaich co-
aontachail is e ciod an co-chkirdeas no an
t-eadar-dhealachadh a bha eadar teanga
gach sluaigh fa-leth de’n dithis. Bha an