Skip to main content

‹‹‹ prev (14) Page 6Page 6

(16) next ››› Page 8Page 8

(15) Page 7 -
AN DEO-GREINE.
7
OIDHCH’ ANN AN SITHEIN.
’Se aon mhac bantraich a bha’n Eoghan
M6ire. Bha e fein ’sa mhathair a fuireach
an tigh beag, aon luidhear, aig bun cnuic is
os cionn eladaich a bha gle dhosgach. Aon
oidhche an sud chaidh Eoghan sgrlob a
mach, mar bu trie a rinn e roimh am
cadail, ach rud a bha gl& neonach cha’n
fhacas riamh tuilleadh a chruth, no dhath
no aogasg. Bhatar am beachd gu’n deach
Eoghan rathad a chladaich a shealltuinn air
son cobhartaich agus gu’n deach a bhathadh.
Bha so gle choltach, ach bu bheag disdeachd
a bha’n mh6r roinn de na coimhearsnaich
a toirt do’n bharail. Bha creideamh laidir
aca anns na Slochairean, agus a chionn
’s gu’m b’ann oidhche Shamhna, a chaidh
Eoghan air chall, ‘ ‘mionnan-bais” do
mhuinntir Bhaile-na-Cldire gu’m b’e na
Slochairean a chuir an greim e.
Bliadhnachan an ddidh call Eoghain, bha
Dbmhnull an Bubha, a tighinn aon oidhche
anamach dachaidh a Baile-an-loch. Bha
seachd mile de rathad uaigneach aige ri
dol, ach ged a bh&, bha na cheann mu’n
d’fh&g e Tigh Ban, Bhail’-an-loch, na
chuir misneach mhath ann a dhol seachad
air a h-uile sithein a bh’air an t-slighe.
Barrachd air a sin, bha pige uisge-bheatha
aige ann am poca air a dhruim, is cha robh
uair a leigeadh e anail air an rathad, nach
biodh sriipag as a’ phig’ aige, ged a b’e
uisge-beatha laigh’-shiiibhla na mnatha
fein a bh’ann.
’Nuair a chuir Dbmhnull leth an rathaid
as a dhdidh, bha aige ri dol seachad air an
t-Sithein Mh6r, agus bu ghkgach a
cheumannan cuideachd a’ trotan air taobh
an rathaid—an taobh a b’fhaide bho’n
t-Slthein—’se a’ cumail a shill air an
tulaich ghuirm.
Mu dheireadh leig e slos'am pige, chuir
e dheth a dheacaid, ’s thug a cuireadh do na
h-uile fear-beag a bha ’san t-slthein tighinn
air adhaigh, ’s nach fagadh e “iall ra
ch&le diubh.” Shuidh Dbmhnull an sin
air bruach an rathaid. Chuir e’m pige air
a cheann agus dh’61 e fad analach as. Bha
oidhche bhbidheach shamhraidh ann, agus
a thaobh ’s gu’n d’thug e buaidh air na
slochairean, thug e a mach a phiob, is
thbisich e air gearradh tombaca.
Siiil g’an d’thug e rathad an t-slthein.ciod
e ach gu’n robh an sithein fosgailte! Chaidh
e suas. Leig e a ghuala ris an ursainn is
sheall e a steach air an t-sealladh a bu
bhbidhche a chunnaic e riamh. Bha’n
talla air a lasadh gu rlomhach ’s na ceudan,
eadar fir is mnathan a’ dannsadh ri “ce61
. an aona phiobaire a b’fhe&rr a chual
e riamh.” Chaidh e a steach is shuidh e.
Bha neo-ar-thaing failte roimhe, agus co a
thainig “mar a h-aon, ’s mar a dha, ” a chur
failte chridheil air, ach Eoghan M6ire.
“An ann an so a tha thusa?” arsa
Dbmhnull. “Agus do mhkthair ga’d chaoidh
o chionn seachd bliadhna?”
“’S ann,” ars’ Eoghan, “’s cha robh mi
riamh cho toilichte. Na’n cluinneadh tu
cho math ’sa tha mi air a’ phiob ! ”
“ ’N da,” arsa Dbmhnull, “ ’s fhekrra
dhuit dol dachaidh leamsa.”
“ U! a Dhomhnuill cha deach thu fein
dachaidh fhathast, agus bithidh thu a cheart
cho toilichte ann an so.”
“Cha b’ann orm a fhreagradh e Eoghain,
’sa bhean agam gu bhi ’na laigh’-
shlubhla! ’ ’
Leis a so a radh dh’dirich Domhnull a
dh’fhalbh.
“Cumaibh air gus an glaoidh an coileach, ”
arsa fear beag hath na shuidhe air buideal.
’Nuair a chuala Dbmhnull so thug e leum
a mach, is shaltair e aon leth cheud
slochaire fo ’chasan.
Cha robh sud ’sa chuid fein aige, oir bha
na ceudan ’na bhad ’s a’ mhionaid. B’ann
an sud a bha’n riasladh. Dbmhnull, ’se a
buraich mar tharbh, ’se a’ cumail dheth nan
daoine beaga ’s ’gan tilgeil bhuaithe ’nam
ficheadan. Bha e an teis-meadhoin a
chatha, an uair a thkinig Seumas Bkn cibeir,
sna coin ’na rathad mu chdig uairean ’sa
mhaduinn.
“Ciod e tha’n so a Dhomhiiuill?” arsa
Seumas.
“’M’eudail do chridhe a Sheumais!” arsa
Dbmhnull, “tha feum agamsa thu fein ’s na
coin a thighinn an rathad, no bha mi ri’m
bhe6’s an t-sithein. A bheil fios agad gu’m
faca mi Eoghan M6ire ann! ’ ’
“Tha mise a’ creidsinn!” arsa Seumas.
“Nach eil an chungaidh ad chuideachd a
bheir air neach rud ’s am bith fhaicinn.”
Coma co-dhiu! b’e sgeul Dhbmhnuill a bu
mho a fhuair creideas am “Baile-na-Cleire, ”
na sgeul Sheumais, oir is ioma beul air an
do ruith sgeul Dhomhnuill bhuaithe sud gus
an diugh.
Iain MacCobmaic.
Is diii teine fe&m ur,
Is diu duine mi-run,
Is diii dibhe flon sean,
Ach’s e diu an domhain droch bhean.