Skip to main content

‹‹‹ prev (491) Page 63Page 63

(493) next ››› Page 65Page 65

(492) Page 64 -
Rolaistean
Le
Tormod DomhnuMach
Is gann gun robh aon de na seann mhinist-
earan Gaidhealach mu nach robh rolaist
eibhinn gun chron air innse. Gidheadh. chan
e rolaist, ach smior na firinn a tha anns na
naidheachdan gearr a leanas.
Nuair a bha Domhnallach no Toisigheachd
ag ionnsachadh anns an oil-thigh, dh’fhas e
anabarrach deidheil air a bhith a’ cluich na
piob-chiuil.
Air aon samhradh, chaidh an t-oileanach
dhachaigh air forladh le piob ur a cheannaich e.
Ged a rinn athair an fhir oig toileachadh
gu leoir ri a mhac fhaicinn, cha b’e sogan,
ach doimheadas a mhain, a chuir sealladh an
inneil ciuil air. Faodaidh gun robh aobhar
air a sin. A bharr air a bhith ’na fhigh-
eadair, shuidhicheadh an seann duine greis
roimhe sud, ’na cheistear, air ceann na cuid
ud de’n sgire.
“ Iain,” ars’ esan, a’ toirt comhairle dhur-
achdach d’a mhac, “ cha bu choir dhuit fein
a tha cho fada air adhart ann am foghlum
dreuchd cho ard ri ministrealachd an t-
soisgeuil, a bhith caitheamh do thide ri obair
cho baoth ri piobaireachd! ” “Athair,”
fhreagair an t-oileanach, “Is fada bhon a chuala
mi gu bheil ceol air neamh, ach cha chuala
mi riamh gum bheil beairt-fhighe ann!”
Mu cheud bliadhna air ais, air do mhinis-
tear cliuiteach Gaidhealach, a bhith an
lathair aig diathad, ann am measg ard
uaislean baile mhoir, thachair do fhoirbheach
air nach robh e eolach, a bhith ’na shuidhe
ri thaobh.
Uine ghearr roimh an bhiadh. chaidh luchd
frithealaidh timchioll le deoch laidir. Thug
am pears’ eaglais cead gum biodh dileag air
a cur air mas na gloinne aige f&n, ni a chuir
dorran nach bu bheag airsan a bha ’na
chuideachd. “A mhinistear,” ars’ am foirbh-
each le gruaim, “ tha am bas anns a’ ghloinne
agaibh! ” “ Ille,” ghlaodh am ministear ri
fear na dibhe, “ thig air ais an seo. Tha mo
charaid a’ gearain gum bheil am bas ’na mo
ghloinne, lion suas i gu a beul le beatha!”
Fhuair searmonaiche ainmeil a bhuineadh
do’n taobh tuath, cuireadh gu comanachadh
ann an sgire a bha astar fada air falbh. Cha
robh ach na h-eich a’ tarruing nan uidheaman
giulain anns na laithean ud. Dh’fhas an la
car fiadhaich le gaoith is uisge trom, agus
mun do rainig am pears’ eaglais a cheann
uidhe, dhruidh air gu dona.
Mu dheireadh thall ruigear dachaigh a
charaid, agus air do’n aoidh aodach tioram a
chuir air agus deagh bhiadh a ghabhail.
chaidh a chur do’n leabaidh le botuil theth j
mu thimchioll. A thuilleadh air a sud, ;
chuireadh currac mor na poit-ti gu blath mu if
cheann.
An ceann tacain, chaidh fear an tighe a ^
steach le bula lan de uisgebeatha ’us uisge
teth an ceann a’ cheile. Dh’eirich an
coigreach ’na shuidhe agus a’ deanamh greim
gu taingeil air a’ bhiila’s ’ga chur ri a bhilean
thubhairt e: “ B’e sibh fein na daoine coir, ]
fhuair mi deagh fhailte, blathas is biadh. Ach I
gu cinnteach is e seo brigh na fialaidheachd! ”
Na Goill....
.... beholding the Hebrides !
Dr. EVAN MACLEOD BARRON
The recent death of Dr. Barron, editor of |
the “ Inverness Courier,” removed from the :
Highlands a great character and a fearless I
champion of all that he believed to be right j
for the country. If at times his views seemed
unacceptable, his great sincerity, integrity and |
scholarship always commanded respect. Like I
his ancestor, Donald Macleod of Galtrigil, ;
“ Prince Charlie’s Pilot,” Dr. Barron braved I
many a storm and his hard-hitting fearless |
editorials will now be greatly missed.