Skip to main content

‹‹‹ prev (490) Page 62Page 62

(492) next ››› Page 64Page 64

(491) Page 63 -
Bha iad ’nan tosd greis eile. “ Tha,” ars
esan, an uair sin, “ chaidh mi mach mu
mheadhon latha an diugh, agus sheas mi
tiotan air beulaibh an tighe airson blaths na
greine fhaotainn, agus thachair rud iongantach.
Tha e cho laidir ’nam inntinn’s ged a bhithinn
ga fhaicinn fhathast. Dh’ fhosgladh mo
shuilean airson tiotan beag, agus chunnaic mi
'n gleann. Chan fhaca mi riamh cho breagha
e.”
Stad e, agus cha do bhris ni an t-samhchair
ach buille mhall a’ chloig. “ Siuthad,” arsa
mo sheanamhair. “ O,” ars esan, “ ged a
chuir sin iongnadh orm, is e an rud a chunnaic
mi a chuir iongnadh na bu mhotha orm—
iongnadh agus uamhas. Bha Seumas beag
Thormoid Ruaidh ...” “ Seumas mor a th’
ann a nise,” arsa mo sheanamhair . . . “ bha
e a’ cluich,” ars esan, “ leis fhein air bruaich
na h-aibhne, aig Linne Thearlaich—’s tha i
gle dhomhain cuideachd—nuair a thuit e mach
—chunnaic mi e a’ tuiteam a mach dhan linne
agus dhtiin an t-uisge thairis air a cheann.
Cha robh diog no gluasad an aite sam bith
as deidh sin, agus ged a dhuraichdinn eigheach
ard mo chlaiginn, cha robh guth agam. Chan
fhaca mi ’n corr; dh’ fhalbh mo fhradharc
mar a thainig e agus thill mi stigh ’s mi air
chrith.”
“ Bha e cho geal ris an anart,” arsa mo
sheanamhair. “ Chan eil mise ga thuigsinn,”
ars esan, “ ma ghabhas e tuigsinn.” “ Tha e
iongantach da rireabh,” arsa mise ’s mi dur-
amharc air. “ Tha Seumas naoi-bliadhna-deug
a dh’ aois a nis.”
“ O, ’s e bh’ ann gun teagamh,” ars esan.
Dh’ aithnich mi sa’ mhionaid e — an aon
ghiollan beag casruisgte — mar is cuimhne
leamsa e.”
Bha urnaigh mo sheanar air leth durachdach
an oidhche ud agus sheinn sinn an Salm le
faireachadh us ur.
Is e an ni a thachair an latha roimhe a
thug sealladh mo sheanar ’na mo chuimhne.
Shiubhail esan agus mo sheanamhair bho
chionn bhliadhnachan, agus tha mi ’gan
ionndrain gach uair a theid mi air ais dhan
Ghleann.
Nuair a bha sinn aig fang an rusgaidh Di-
luain so chaidh, agus latha teth grianach ann,
chaidh Seumas Thormoid Ruaidh le each is
cairt a thoirt pocannan cloimhe chun a’
chidhe. Dh’ ionndrain sinn e bho nach robh
e a’ tilleadh, agus chaidh mise agus Domhnull
Mor a choimhead air a shon. Bha an t-each
anns a’ chairt ’na sheasamh air a’ chidhe :
bha poca cloimhe direach air bearradh a’
chidhe, ach cha robh sgial air Seumas.
Shuair sinn an corp feasgar, air grundd na
mara, a tha gle dhomhain an sud, ri aghaidh
a’ chidhe. ’S fheudar gun do thachair sud
aig meadhon latha, ’s muinntir a’ Ghlinne uile
aig an fhang.
Oran do dh’ Eoghan
Mac a Phi
(a tha am bliadhna ’na Cheann-Suidhe air
Comhairle a’ Mhoid is a’ Chiiiil)
Tha Ceann-suidhe tir againn am bliadhna
Cho ceutach’s a tha measg Ghaidheal,
A chumas suas ar cainnt’s ar ceol
Le moralachd’s le speis ;
As Earra Ghaidheal, tir nan sonn—
Tir chluinnear fonn air Gaidheil
A dh’ araich Eoghan Mac a Phi,
Fear-didein Clann nan Gaidheal.
Guma fad’ thu bed is slan,
A dhiiilnaich laidir threun.
Is tuilleadh buaidh is neart do’d laimh
Gu ardachadh nan Gaidheal:
B’e siud do dhurachd as gach cearn
’S a h-uile gradh ’nad cheum
Is tha mo bheannachdsa le each,
’S e mise bard a’ Bhraighe.
Mo bheannachd cuideachd aig an dream
Rinn ceannard dhiot ’nam feum,
Oir tha Gaidhlig air a call
Measg Ghall is thirean cein:
Cha chluinn na Gaidheil ann an cainnt
Ach cannsaireachd gun cheill,
Ach cumaidh thusa suas le srann
Fior bhratach Clann nan Gaidheal.
Chaidh a’ bhratach seo a sgaoileadh
Air gach raon fo’n ghrein,
Shreap i creagan Abraham
’S chuir arm Mhontcalm bho fheum:
Fhuair i cuideachd gloir is cliu
An Coruna san ratreut
Leis an Ridir’ Iain Moor.
’S i dhuin a shuil san eug.
A dh’ aindeoin buaireadh agus stri
Air muir, air tir’s an speur,
Tha bratach Clann nan Gaidheal suas
Cur ruaig air luchd droch bheum—
A’ bhratach shioda thlachdmhor shuaicheant’
Bheartaich sluagh nach g&ll,
’S cha tig i gu brath a nuas
Gun gluais an cruinne-c£.
Calum Ruadh MacNeacail,
Camus-dionabhaig.