Skip to main content

‹‹‹ prev (140) Page 100Page 100

(142) next ››› Page 102Page 102

(141) Page 101 -
mac-meanmainn-san ’n a ionad comhnuidh do
chumhachdan dorcha agus diomhair do-
thuigsinneach, bho am faodadh uair’s am bith,
creutair mi-chneasda dhiubh so a cheann a
thogail. Chaidh an te so innse ’n ar ’n eisdeachd
le bodach beag de’n fhior sheann seorsa, air
feasgar araidh ann am Bhaltos.
“ Dh’fhalbh mi,” ars’ an t-iasgair, “ air
feasgar ciuin samhraidh, a mach le geola bhig,
a dh’iasgach gu bun an loch. Dh’iomair mi
pios bho thir, gu aite sonraichte a b’abhaist a
bhi math airson iasgaich. Nuair a rainig mi
e, leig mi sios a’ chruaidh agus chuir mi mach
mo shlat.
Bha mi ’n a mo shuidhe gu socair air tota a’
bhata an diiil gun gabhadh iasg air mo dhubhan
uair ’s am bith, ach, ged a bhithinn an sin
fathast, cha robh iasg a’ dol a ghabhail air. Mu
dheireadh thall, chunnaic mi rudeigin a’ gluasad
’s an linne mu bheagan shlatan bho’n bhata.
Ann am mionaid, thog bodach beag, dubh
air an robh fait agus feusag dhuilisg, a cheann
o’s cionn an uisge. Thug e suil orm le greann
agus ghlaodh e, “ Tog do chruaidh a mach as
mo shimileir ! ” Gu grad, thog mi fein mo
chruaidh mar a dh’iarradh orm agus chuir mi
mach i beagan an taobh thall de’n so, ach ma
chuir, gheibhinn de dh’iasg na b’urrainn mi
tharruing do’n eithear troimh na chuid eile
de’n fheasgair ! ”
(/?’ a leantainn)
Ghaidh E Rithe
AN GILLE.
Tha thu sin a bhodaich choir
Air do stol an taic’ an teine,
Mealtainn leth-cheud bliadhna posd,
’S a reir an sgeoil gach aon dhiubh sona:
Chan eil nabaidh, scan no 6g,
Nach toir boid bho rinn thu bhanais,
Nach robh eadar thusa’s Mor
Ni mi-stold no dranndan teallaich:
Innis dhomhsa ’m briathran seolt,
’S duil am fhin bhith posd a dh’aithghearr,
Ciamar chum thu rian is doigh
Air ni cho bed ri nadur caileig.
AM BODACH.
Tub do ghliiin an so ri m’ thaobh;
Sin le faoilt a nail do spliochan,
’S gheibh thu uamsa fath do ruin
Nuair shaodas mi ’nam phluic an spiolag:
La mo bhainnse gu math trath,
Mharcaich mi lair bhan do’n bhaile;
Thug mise’s Mor ar boid le gradh
Nach deanadh ach am bas ar sgaradh:
Air druim na laradh, laimh a cheil,
Mharcaich sinn le deagh run dhachaidh;
Bhruid bha fodhainn, bhris i ceum,
’S dh’eigh mi-fhin, “A lair, sud aon uair”:
Null a’ mhdintich thug i leum
’S theab sinn bhith le cheile thairis;
Thuirt mi rithist’s mi togail orm,
“Toidh ainmhidh, sud an dar’ uair.”
Nuair bha ’n dachaidh tighinn am fair
Thuislich an lair bhan gu broilleach;
Dh’eigh mi ’s mi ri leum gu lar,
“Bha e ’n dan, ’se sud an treas uair.”
Thog mi bean na bainnse nuas
’S i neo-luaisgeanach a’ ceileir,
’S thug mi lair an darna taobh
Is chuir mi ’n t-eanchainn aist’ le peileir:
H6-r6 Mor ’na sradaig suas;
Loisg i orm gu colgail greannach;
Chain i mi gu bun nan cluas;
Chan eisdeadh an cu ruadh ri cheathramh:
Chuir i dhith gu robh i sgith;
Dh’eisd mi, ’s nuair a bha i ullamh
Chrath mi chorrag mhor ri sroin,
’S thuirt mi, “Mhor a ghraidh, sud aon uair”.
Sin e nise dhuit mo dhan;
Chan eil tearmainn ann dha d’ leithid;
Cha chuir thu, triall gu d’ thigh le d’ ghradh
An t-eanchainn as do char le peileir.
— 101 —
Am Bard Bochd.