Skip to main content

‹‹‹ prev (507) Aireamh 11, SupplementAireamh 11, SupplementGaidheal Og

(509) next ››› Page 43Page 43

(508) Page 42 -
An Gaidheai Os
An Comlmrra
Le GILLE-PADRAIG
TAN cluinneadh tu a’ chainnt a bha orra
I ^1 an diugh an uair a sgaoil a Choinneamh-
Cheist !” arsa Bus-dubh.
“ Cha teirig cainnt,” arsa Blaran, “ ach, a
chuilein ort, de mu’n robh iad?”
“ Bha an rud a thuirt Gilleasbuig Ruadh
Eoghainn agus e toirt comharra dhaibh air
gr&s.”
“ Seadh, agus a dhuine chl^ibh, d6 a thuirt
e?”
“ Thuirt e gur e modh comharra cho soilleir
agus a gheibhte air an fhlor-Chriosdaidh.”
“ Tha mi anns a cheud iite an cuala mi
riamh a leithid, agus tha mi a’ dol leis a
h-uile facal dheth. Cha bhiodh ann an
Criosdaidh mi-mhodhail ach fath-rud.”
“ Ma thk, a Bhl^irain, nach ann a bha iad
’ga fhaicinn faoin do Ghilleasbuig a leithid a
radh; cha do chhrd e idir idir ris na daoine.
Thuirt Tormod gur h-iomadh sinn coinneamh-
cheist air an robh esan o dh’fh&g e an sgoil an
Rubha nan Cailleach agus nach cuala e riamh
dad cho faoin. Agus nach e a thuirt Fearchar
againn fhein, ‘ Bu nebnach nach do smaoinich
Maighistir Ruairidh a bha an Ceann-sail-oighre
air sin.’ ”
“ Biodh iadsan ag cainnt agus biodh aca
agus an toil !” ars an tarbh, “ach mur ’eil mise
’na mo dhamh buileach, is e sin comharra as
fhebrr learn a chuala mi o dh’fhbg mi an
t-Eilean. An cuala tu fhbin an sean-fhacal,
‘ Am fear a bhios gun mhodh saoilidh e gur
e am modh am ml-mhodh ’?”
“ Cha chuala,” arsa Bus-dubh.
“ Cha tbid thu nas bige ri a chluinntinn, ”
arsa Bibran. “ An uair a bha mise san Eilean
Sgitheanach chuala mi naidheachd bheag aig
Niall Dubh Raghnaill i Rbthag air ministear
a bha rathad an t-Sratha, agus e dol mun
cuairt le each, agus c6 a thachradh ris ach
Dbmhnallan, leth-chiallach bochd a bhuineadh
do’n bite, agus e tighinn agus basgaid aige
air a ghbirdean. ‘ Ciod e a tha agad anns
a’ bhasgaid?’ ars am ministear. ‘ Tha modh,’
arsa Dbmhnallan, agus e dol seachad ’na
throtan, ‘ modh, modh!’ ”
“ Agus an e sin a bha aige innte?” arsa
Bus-dubh.
“ Tut, chan e ach na clachan!” arsa Blbran,
“ ach, a dhuine’s a chuilein ort, c6 a chunnaic
mi an la-roimhe ach gamhainn breac a thainig
d Uibhist, agus cha robh e fhein gun naidh¬
eachd aige—”
“ A bheil naidheachd an Uibhist?” arsa Bus-
Dubh.
“ A dhuine chleibh, tha seachd Ian fichead
na Dunara a h-uile latha deug sa’ bhliadhna.
Ach seo naidheachd a’ ghamhainn bhric dhuit.
Bha e direach aig caladh an uair a thbinig
ministear gu bruaich agus thug e suil air fear
a bha taomadh culaidh ris an laimrig. ‘ Nach
ann agad a tha an t-eathar grannda !’ ars am
ministear. ‘ A leabhair!’ ars an duine, ‘falbh
thusa dhachaidh agus thoir suil anns an
sgathan, ’s mo lamh-sa dhuit gum faic thu
rud grannda !’ Diog no durd cha tbinig a
beul, thall no bhos, ach an uair a bha iad eadar
an t-Eilean Glas is an Caol nach ann a chuala
an gamhainn am ministear a’ di-moladh nan
Uibhisteach air son a bhith cho mi-mhodhail!”
“ Agus a bheil iad mar sin?” arsa Bus-dubh.
“ Ud, ud, chan ’eil! Sin agad duit daoine a
leigeas modh an rathaid le duine is le beathach.
Nam biodh esan air an t-eathar a leigeil
seachad—rud nach bu mhbr dha—thbid mise
an urras duit nach cluinneadh e guth air sgian
no sgbthan an Uibhist. Ged nach biodh aig
Eileanach ach clbrag de sheann sgoth a bhiodh
aig a sheanair, agus i ’na criathar tholl an doc
air ciil muil, ’na crionaich ’s ’na caillich, cha
bu bheag an dbnachd do dhuine geal a cbineadh
dha !”
“ Agus a bheil thu fhbin a’ deanamh dheth
nach e Criosdaidhean a bha san dithis a bha
sin?” arsa Bus-dubh.
“ U, cha chanainn-sa nach b’e—tha friamhag
de’n t-seann Adhamh bed fhathast—ach
canaidh mi seo ruit, a mhic Oscair: tha tri
nithean anns an uaisle nach dealaich rithe—
firinn, fearalas, agus fiughalas.”
“ De a tha san fhiiighalas?”
“ Tha modh innte, agus tha tuilleadh innte,”
arsa Blbran, “ agus can thusa ri Fearchar, far
’eil an Criosdaidh gu bheil modh. Gun sealladh
sealbh orm! bu nar leamsa riamh am mi-mhodh
agus chan ’eil annam-sa ach a’ bhruid ! Is e
ministear de mhuinntir Bheinn-a’-bhaoghla
duine cho grinn, modhail agus a thachair
riumsa riamh!”
42