Skip to main content

‹‹‹ prev (428) Page 26Page 26

(430) next ››› Page 28Page 28

(429) Page 27 -
An Gaidheal Og
Litir l^at'liaimi
THA mi cinnteach, a mach bho na M6dan
Diithchail, gur e an Camp as motha a
bhios a’ tighinn fainear dhuibh uile an
ceartair, agus sin co-dhiubh a tha sibh an
diiil a bhith ann no nach ’eil. An uair a tha
mise a’ sgriobhadh, trhth anns an Og-mhios,
tha an t-sid cho uile gu leir breagh ’s gur
ann a dhuraichdinn f&n togail orm gu camp
an hit-eigin, no camp a dheanamh dhomh
fhin air aodann a’ chnuic ud thall far a bheil
an t-iomaire buntata agam; agus nach ann a
dh’fhaodainn feum dubailte a dheanamh dheth,
toileachadh a thoirt dhomh fhln agus aig a’
cheart dm cothrom a thoirt dhomh air sitil
a chumail air droch ghhrlaich chloinne a bhios
a’ deanamh millidh air toradh mo shaothrach
an sin. Nach ann a splon iad cuid de na
cuiseagan bunt&ta orm rd an deireadh seachd-
anach seo chaidh. An uair a chaidh mi suas
an rathad an dd, nach ann a bha na cuiseagan
a splon iad an siud seargte air an talamh
lorn! Tha dbchas agam nach bi sibhse, a
chlann laghach, a’ deanamh uile mar sin; ach
tha fios agam nach bi, oir chan e sin gn& na
cloinne Ghidhealaich idir.
Thug mi iomradh air a’ champ, agus is
cinnteach gum bi e air ghleus fada mun ruig
na briathran seo sibhse. Bidh a’ chlann-
nighean ag gluasad a staigh ann air
Di-ardaoin, an 29mh de’n Og-mhios seo f&n,
agus na balaich dh sheachdain ’nan ddidh,
seadh, air an 18mh de’n luchar. A nis, ged
nach iarrainn le cinn't gun leanadh an turadh
is an t-sld ghrianach seo fad an t-samhraidh,
oir thtHd birr a dholaidh mur tig taisealachd
an uine ghoirid, tha dbchas agam gum bi
breac-shld againn, grian r£ an latha, le beagan
taisealachd, ach gun droch dhbrfaidhean
:uisge a bheir an t-snighe oirbhse, r6 na
h-oidhche; seadh, an samhradh a bhith breac-
riabhach, le foghar geal, grianach ’na dh6idh,
oir is i sin sid a r&r an t-sean-duine nach
“ d’fhig gort riamh an Albainn.”
Tha an ath choinneamh chomhairle aig
a’ Chomunn ri bhith air a gleidheadh anns
a’ Ghearasdan (Inbhir-Lbchaidh) r6 na h-iiine
a bhios sibhse anns a’ champ, agus is cinnteach
gum bi cuid againn, sinne aig am bi an iiine,
a’ toirt leum bheag a nunn gJur faicinn an
latha sin. Cha deanadh cuairt mar sin coire
aon chuid dhuinne no dhuibhse. Theagamh,
ma ti, gum faic sibh Eachann anns a’ champ,
eadhon mun leugh sibh a bhriathran a tha air
an cur si os an dfisd.
THA mi nis a’ dol a dh’innseadh dhuibh
mu smuaintean a bhuail a staigh air
m’inntinn an diugh fein, cuimhne, ged nach
’eil i uair sam bith fada air falbh bho
m’inntinn, a bhuail a staigh gu ro-chomharr-
aichte air mo mheanmna anns na Ikithean seo.
Theagamh gun siubhail sibhse sibh f&n, ri
uine, air car de’n cheart sebrs’ ceuma; agus
tha mi an dbchas gum bi sibh uile ’nur sl£dnte
gu sealltainn air ais air bhur triall f&n, cadhon
mar a tha mise a’ deanamh an diugh.
An diugh, Di-mki,rt, an latha a tha mi
a’ sgriobhadh seo, tha mo chuimhne a’ toirt
leum air a h-ais gu Di-m&irt eile, leth-cheud
bliadhna air ais, an uair a dh’fh&g mi an
t-seann dachaidh an Eijlearaig, agus
m’ aghaidh air an tobh deas. Cha d’fh&g
mi eilean m’krach riamh gu sin, agus bho’n
latha sin ach a mhhin air chuairtean, cha do
thill mi ann tuilfe. B’i an obair mu dheireadh
a rinn mi mun d’fhhg mi a’ mhbine a bhuain,
agus rinn mi sin, sgaoilteach mhath mhbna
fh&gail, gu a togail an uair a bhiodh i siighte
gu lebr air a cheann sin.
Thainig an latha a bha mi ri triall. Is e
a’ choiseachd a bha ann; ach bu shuarach
leamsa an uair sin na sia mile ho c6rr a bha
romham mun ruiginn Airigh-nan-Gobhar far
am faighinn am b&ta, seann Chaisteal
Arais, gu ruig an t-Oban. Tha iomadh
taobh de fhhgail na dachaidh an latha ud air
nach ’eil cuimhne agam an diugh, ged a tha
taobhan eile air a bheil mo chuimhne glh
bheb; agus dhiubh-san a dh’fhkg mi ’nam
dhhidh, mo mhhthair chaomh agus an c6rr
dhiubh, cha mhaireann aon dhiubh an diugh :
tha mise ’nam aonar air m’fhhgail, mar
Oisean an d&dh na Fhinne, gun ni ach mo
chuimhne air a luigheasachadh dhomh. Tha na
cuimhneachain sin ro dhliith do m’ chridhe an
diugh gu an cur am briathraibh fuara clbdh;
ach seo aon chuimhne a tha gl£ bheb ’nam
chridhe fhathast, agus a dh’fhaodainn innseadh
dhuibh.
Bha cuilean coin againn an Eillearaig an
uair ud, galla bheag, creutair laghach, do’n
tug sinn an t-ainm “ Conaidh.” An uair
a dh’fhkg mise an taigh gl£ thr&th anns
a’ mhadainn, tuaiream air sia uairean,
dh’fhalbh Conaidh learn pios de’n rathad.
Bha an taigh againne suas ri ceathramh a’
mhile bho’n rathad mhdr. Tha beachd agam
gu robh bhrr anns an l&anaidh troimh am
bitheamaid am bitheantas ag coiseachd mar
(An corr air airath-dhuilleig)
27