Skip to main content

‹‹‹ prev (409) Page 23Page 23

(411) next ››› Page 83Page 83

(410) Page 24 -
An Gaidheal Og
1*2111^111* IS;iii "
AN cuala tu riamh mu Phangur Ban? C6 bha
L.ann? Cuin is caite an robh e be6?
An teid agad air na ceistean sin a fhreagairt?
Seo dhuit, ma tha, iomradh air Pangur Bin.
Is e cat a bha am Pangur Ban, agus bha
e bed corr math is mile bliadhna air ais, agus
is ann an Eirinn a bha a dhachaidh, no is dbcha
an ait-eigin anns an Roinn-E6rpa. B’fheirr
leam a radh gur e a’ cheud Phangur Bin a
bha bed corr is mile bliadhna air ais, oir bha
mise mi-fhein edlach mu fhichead bliadhna air
ais air cat am baile Ghlaschu, agus’s e Pangur
Bin an t-ainm'a bha air.
Bha ar caraid nach maireann, an t-Urramach
Calum MacLeoid, a bha fad bhliadhnachan ’na
Fhear-deasachaidh air a’ Ghaidheal agus ’na
Cheann-suidhe air a’ Chomunn Ghaidhealach,
a’ fuireach an Glaschu mus deachaidh e do
Bhoth-chuidir, agus b’ann an uair a bha a
dhachaidh an Glaschu a chuir mise edlas air
an toiseach, agus mi ’nam oileanach. Bha
mi fad di bhliadhna ’ga chuideachadh anns
a’ choimhthional a bha aige an Glaschu, agus
bhithinn trie a’ tadhal anns a’ mhansa aige.
Bha cat breagha anns a’ mhansa—cat de’n
t-se6rsa “ Siamese ”, cat sllomach, ruadh, le
siilean uaine—agus ’s e ‘‘ Pangur Bin ” an
t-aimn a bha air a’ chat.
” Cia as a fhuair sibh an t-ainm?” arsa
mise ri Mgr. MacLedid a’ cheud uair a
chunnaic mi an cat agus a chuala mi an
t-ainm a bha air. ‘‘Is iomadh ainm a chuala
mi air cat, ach cha chuala mi an t-ainm sin
riamh.”
Seo, ma thi, mar a fhuair cat a’ mhinisteir
an t-ainm neo-chumanta a bha air.
Ann an seann limh-sgrlobhainn inns an
t-seann chinain bho’n tiinig a’ Ghiidhlig
Eireannach agus a’ Ghiidhlig Albannach tha
pios birdachd a sgriobh sgoilear no foghlum-
aiche air chor-eigin anns an naoidheamh linn
an deidh dm Chriosd. Anns a’ bhirdachd tha
am bird ag innse mar a tha e fhdin agus an
cat aige, ‘‘ Pangur Bin,” cdmhla leotha fhdin
anns an t-sedmar-leabhraichean, gach fear is
obair fhdin aige—an cat an tdir air luch agus
an sgoilear an tdir air edlas—agus gach fear
a’ fis nas ealanta ’na dhreuchd fhdin gach
latha, agus iad le chdile a’ faotainn tlachd is
toileachais ’nan saothair air leth.
Sin agad, ma thi, ‘‘ Pangur Bin ”—cat an
sgoileir agus cat a’ mhinisteir—agus an ath-
phiseag a gheibh thusa ’s ddcha gun toir thu
an t-ainm sin air cuideachd.
SGRIOBH CHUGAM
Bheir mi leabhar Giidhlig mar dhuais do’n
neach fo aois sia-deug a sgriobhas an litir
Ghiidhlig as fearr a thaitneas rium mu
‘‘ Latha anns a’ Mhonadh ” no “ Latha anns
an Triigh.”
Cuir do litir gu Oifis a’ Chomuinn roimh
81 de’n Lhnasdal.
—Am Fear-Deasachaidh.
A MHUC-MHARA fbho t.d. 22)
rithist is a h-aghaidh ri fairge agus cha do
thill i tuilleadh. Chaill am bodach a sgian
mhdr. Bha te eile aca a bha gld choirbte i
fhein. Thug duine ionnsaigh oirre, agus
chaidh i fhdin gu sedladh an darha turus, ach
^rud a bha gle nednach—shith i i fhdih air
tlr aon uair eile air an triigh far as an d’fhalbh
i. Chaidh iad an sis innte an darna cothrom,
fear le slacan, fear le limhag, fear le croman,
fear le spaid, fear le coran, is fear le speal,
agus mu dheireadh bha i marbh aca. An uair
a thiinig an oidhche agus bha iad ag innseadh
aig baile mar a chaidh dhaibh bha fear dg ag
innseadh an taigh a sheanar mar a mharbhadh
a’ mhuc mhdr. Bha a sheanair, Murchadh, e
fhdin air an triigh a thoirt a mach is e ’na
sheann duine, agus is e an rud a thuirt am
bodach, a sheanair, ‘ Faodaidh tu bhith sgur;
cha do mharbh ise ach a’ bhuifle a thug mise
dhi le siil mo bhrdige eadar an di shhil.’ ”
“ Feumaidh,” arsa Bus-dubh, “ gun tug e
buille da-rlribh dhi !”
‘‘Tut!” arsa Bliran ; ‘‘cha deanadh esan
ciil ach gun tarraingeadh e an dara cas an
ddidh na coise eile.”
LITIR EACHAINN (bho t.d. 23)
iad, no co-dhiubh cho dluth ’s a b’urrainn
fiughair a bhith ris. Bha iad uile ri dhol a
dh’ionnsaigh na ceart chreige. Bha am fear
a thug an ruid a mach ri dhol a mach a
rithist anns >a’ cheart bhad, le tho?! fdin,
eadhon mar a chaidh e a mach an aghaidh
a thoile an oidhche ud eile. Nan rachadh
aige air tighinn gu tlr e fdin gun chuideachadh,
bha an &rig a bha e a’ tagar dligheach dhi,
ach mur rachadh cha robh! An uair a chuala
an casaidiche binn Thaoig, smuainich e gum
b’e an gliocas dha gun a bheatha a chur an
cunnart an dara turus, is tharraing e a’ chuis
air ais. Tha mi an diiil gun aontaich sibh
leam gu robh binn Thaoig gld chothromach :
cha deanadh Solamh fein na b’fheirr.
Bhur Caraid Dlleas,
Eachann MacDhughaill.
24