Skip to main content

‹‹‹ prev (408) Page 22Page 22

(410) next ››› Page 24Page 24

(409) Page 23 -
An Gaidheal Og
Litii* f^iicliainu
AN uair a tha mise a’ sgriobhadh na litreach
jT\ seo tha Feill mhdr a’ Chomuinn fathast
ciil nan sgbth am measg nan nithean a tha ri
teachd agus anns an dhn; ach mun ruig mo
bhriathran sibhse, agus fada roimh sin, bidh
i air a cur ’nar deidh am measg nan nithean
a bh& is air a h-aireamh an eachdraidh ar
daoine. Is e ar dbchas gur e cuid de’n
eachdraidh sin a bhios ri aithris gu robh i
buadhar agus soir.bheacha,il ’s gum bi an
sporan m6r a bhatar am beachd a lionadh
loma-lan is ag cur thairis, gun bonn cam no
ledmann-sgiathach a’ faotainn fatraidh ann.
Tha mi direach an ddidh litir fhaotainn bho
Dhbmhnall MacPhkil as an Airde Tuath an
uair a tha mi a’ sgriobhadh, agus nach ann
a tha e ag innseadh dhomh gu bheil Feachd
Phor't-righeadh trang ag cur kireamh a tri
de’n Chabairneach an uidheam sebiaidh,
agus, ma theid gach ni led mar am miann,
gum bi e air Aiseag a’ Chaoil a ghabhail gu
Tir-mor, agus gum bi e an ciiileig-mhalairt
Cbmunn na h-Oigridh aig kh Fhdill! Ni sinn
uile sodan ris, agus, ma bhips e cho math ’s a
bha a’ cheud dhk de’n teaghlach, ch'a bhi
cearb air. Cha ghabhadh dearbhadh na
b’fhearr toirt air am feabhas-s(an na mar
a thk, ’s a chi mise bitheanta gu ledr,
bideagan beaga air an togail asda is air an
cur gu feum an sgriobhaidhean eile bho dm
gu dm. Tha Feachd Phort-righeadh ri am
moladh air son an deagh ghnlomhachas seo
a tha ri chur as an leth : nach bu ghasda
nam biodh feachdan eile a’ toirt ceuma air a’
cheart slighe, eadhon ged nach biodh
an oidhirp a dheanadh iad; idir cho
tomadach ris a’ Chabairneach, no mar
fhaisg dha. Bu dheagh cheum e air
an t-slighe a tha againn anns >an amharc
gu cinnteach! C6 am feachd a tha a’ dol a
thogail na dara brataich?
AN litir a’ mhios a dh’fhalbh dh’innis
mi dbuibh mar a chaidh aon de na
Teathanaich bho’n tdinig mi fein air taobh
mo mhdthar suas do Eilean a’ Che6, is
mar a sgaoil iad as a sin do chedrnan eile.
Mas math mo chuimhne, tha mi an diiil gun
d’innis mi dhuibh gun do ph6s aon dhiubh
an sin nighean do Thaog M6r MacCuinn, an
Sgitheanach a bu ghlice air a bheil iomradh
againn. Tha mi an diiil gu robh e gld dhliith
air a bhith cho glic ri Solamh fdin, agus
is cinnteach gum fdghnadh sin do Ghdidheal
sam bith. Chan ’eil fios agam fhdin nach
ann a bha e na bu ghlice eadhon na Solamh,
oir bha Solamh caran aotrom, gorach a
thaobh nan caileagan, agus cho fada ’s a tha
m’fhiosrach-sa a’ dol cha robh tuille na aon
bhean aig Taog !
Tha mi a nis a’ dol a dh’innseadh dhuibh
aon naidheachd a leigeas ris an toinisg
nkdurra a bhuilicheadh air an Taog seo, a
bu -seann-se^nair dhbmhsa. Is coltach gu
robh e cho cothromach anns gach beachd a
leigeadh e ris ’s gur ann air a chuir Mac-
LeOid Dhun-bheagain an t-urram ceist no
casaid sam bith a thigeadh air a bheulaibh
fein, is nach biodh furasda dha a reiteach,
binn cjioth^omach a thOirt a mach. .Bha an
siud, ma t^, difhis dhaoine a chaidh gu
creag-iasgaich cuideachd feasgar robach,
geamhraidh. Bha hinn cunnartach air a’
chladach, is ciod a thachair ach gun tainig
riiid throm orra, is thug i a mach thar na
creige aon de na daoine; bha e an impis a
bhith air a tharraing air falbh agus air a
bhkthadh. Rinn a chompanach uile dhicheall
gu gr&m a dheanamh air is a thekrnadh, agus
mu dheireadh thall le aon de a shiobaidhean
a thug e le beairt na slaite, fhuair e an dubhan
a chur an gr&m, is le fannadh curamach
chaidh aige air an duine a bha ionnas a bhith
bkite a tharraing cho dliith do’n chreig ’s
gun d’fhuair e gr&m-laimhe air, is mu
dheireadh a tharraing gu tlr, “ a lomadh ’s ri
eiginn,” is shabhail e a bheatha co-dhiubh.
Ach gu mi-fhortanach, c&ite an deach an
dubhan an sks ach ’na shiiil, agus lets a h-uile
dfoghach a bha ann, mhill an dubhan a shuil
cho dona ’s gun do chaill an duine bochd a
fhradharc !
IS £ a thainig as a Seo gun do thog e
casaid ri MacLebid an aghaidh a chompan-
aich, a’ tagar 6irig bhuaith air cheann call a
shula. Is e compensation a their muinntir an
lagha ri a leithid seo de chuis an diugh, agus
gu cinnteach, cha robh e furasda do MhacLebid
reiteach cunbhallach no binn chothromach a
thoirt a mach, agus, mar bu n6s, an uair
a dh’eireadh ceist chiogailteach mar seo, chuir
e a’ chhis an limhan Thaoig. Chnuasaich
Taog a’ chuis ’na inntinn f&n greis, an d£idh
dha fhiosrachadh bho na daoine gach nl mar
a thachair. Leig e ris an sin, an Ihthair
MhicLebid is nan daoine, gu robh e deas gu
binn a thoirt seachad, agus seo agaibh a’
bhinn a liubhair e.
Bha iad ri feitheamh gus an tigeadh oidhche
de’n cheart sebrsa ri oidhche na tubaist, le
sebl-mara, stoth-cladaich, is gaoth mar a bhk
(An corrair an ath-dhuilleig)
23