Skip to main content

‹‹‹ prev (364) Page 56Page 56

(366) next ››› Page 14Page 14

(365) Aireamh 4, Supplement - Gaidheal Og
\\ GAIDHEjAL/ og
MIOSACHAN COMUNN NA H-OIGRIDH
Leabhar II
AN GIBLEAN, 1950
Aireamh 4
Fo’n Fa I hi«'11
Le GILLE-PADRAIG
tt F)HA mi anns a’ Cheardaich an diugh agus
iJchuala mi iad a’ bruidheann air eallach.
Thoisich iad air an t-seanchas an uair a
leugh fear aca an t-iomradh a bha sa’ Ghaidheal
air Mac an t-Sronaich agus am fear mor a thug
am bolla mine a Steornabhagh air a dhruim
do’n Scarp. Thuirt fear de na bodaich aca,
‘Bha fear am Baile-an-todhair agus thug e
fhein bolla mine dhachaidh a Drochaid a’
Bhanna. ’
‘Cia lion mile a bha sin?’ ars an treas
fear; agus chaidh an cunntas da.
“ ‘An robh an rathad mor aige fo chois ?’
ars an ath-fhear.
‘Bha,’ ars an goistidh, am bodach, ‘agus
creid mise gu robh e cruaidh gu leoir fo na casan
aige/
‘Agus,’ arsa fear 6g a bha staigh, agus e
togail a chuideam o’n bhalla ris an robh a
thaic, ‘tha mi cinnteach gun itheadh e a leth
an uair a ruigeadh e dhachaidh! ’ ”
“Bhiodh a dhiol ri dheanamh aige,” arsa
Blaran; ‘‘dh’fhoghnadh do’n damh fhein
an uibhir sin itheadh comhla.”
‘‘An cuala tu fhein riamh a cho-maith aig
duine ’ga dheanamh le eallach?” arsa Bus-
dubh.
‘‘An ta, ’s mi a chuala. Bha mi latha am
Port-nan-long, san Eilean, agus bha bodach
feusagach, Hearach a’ deanamh naidheachd
dhaibh air fear air an robh Domhnall
Mhurchaidh Dhomhnaill Mhic Iain a bha an
eilean beag an Scarpa. Thug e am bocsa mor
ghiomach, mar a thainig e leo as an t-sal, agus
ceithir dusan deug giomach ann, air a mhuin,
gun aon anail, air rathad cho reodhta agus
nach deanadh each feum air, botannan mora
mara air de leathar, eadar ceidhe an Taoibh
Siar agus ceidhe an Taoibh Sear air an Tairbeart
anns na Hearadh! ’ ’
‘‘De cho trom agus a bha an t-eallach sin?”
arsa Bus-dubh.
‘‘Bu leoir dhomhsa am bocsa mor mar a
thigeadh e as a’ mhuir, ged nach biodh giomach
idir ann,” arsa Bl&ran.
‘‘De an cuideam a tha an giomach?” arsa
Bus-dubh.
‘‘Tha cuid aca anns a bheil del phunnd, agus
{An edrr air t.d. 16)
Aa Itaii'fl Gliai<lh<kala<‘li
A B’Aithne Dhonili
Le IAIN N. MACLEOID
12. An t-Urr. Domhnall Uilleam
MacCoinnich
GU dearbh, b’e Domhnall Uilleam fhein
an Leddhasach caomh, cairdeil, carthan-
nach, air am b ’fhiach eolas a chur, agus bu
toilichte mi fhein gach uair a chuirinn greis
seachad ’na chuideachd aig iomadh Mod thall
is a bhos.
Is ann a mhuinntir Airigh-bhruthaich, an
sgire nan Loch, a bha an t-Urramach Domhnall
Uilleam, agus an uair a bha e gle 6g chuir e
uidh mhor ’na chanain mhathaireil agus ’na
bardachd, agus, o’n bha spiorad na ceolraidh
ann gu nadurra, rinn e moran de drain thait-
neach a tha nis an deidh a bhais ’nan cuimhn-
eachan air a bhuadhan agus air a dhealas anns
na raoin sin. Bha alt siubhlach aige ann a
bhith ag eadar-theangachadh bardachd
Bheurla agus Albannach gu bardachd
Ghaidhlig, agus am measg a shaothrach anns
an raon sin tha eadar-theangachadh eagnaidh,
siubhlach air ‘‘To a Mountain Daisy’ ’ le Burns,
‘‘The Brook” le Tennyson, ‘‘To the Highland
Girl at Inversnaid” le Wordsworth, agus ‘‘To
a Mouse” le Burns. Chuir e loinn iongantach
air gach eadar-theangachadh a rinn e air na
h-6rain sin, agus, ’na mo bheachd fhein, tha
seula an deagh bhaird gu h-araidh air ‘‘An Allt”
le Tennyson.
Bha e ’na mhinistear an Eaglais Ghaidhlig
Baile-Bhoid agus an Cill-Mealaird, agus anns
gach aite an robh e rinn e mor shaothair as leth
canain a dhuthcha. Bha e deas, durachdach
anns a’ chubaid, agus cha robh moran ’na
latha a sgrlobhadh Gaidhlig cho blasda ris.
Bha a leithid de shnas sonraichte ’na mhodh-
sgriobhaidh agus gun deanamaid a mach a
lamh am measg mhorain. Fhuair e iomadh
duais litreachais aig na Moid, agus bu ro
chaomh learn fhein a bhith leughadh le mor
thogradh cunntasan snasail air iomadh cuspair
Gaidhealach o a pheann siubhlach anns na
paipearan-naidheachd, agus is maith a
b’fhiach gach oidhirp sin a rinn e a bhith air
an cur an clo air son oideachadh do’n linn a
tha ag eirigh suas an diugh.
— 13 —