Skip to main content

‹‹‹ prev (363) Page 55Page 55

(365) next ››› Aireamh 4, SupplementAireamh 4, SupplementGaidheal Og

(364) Page 56 -
An Aril-Clioinliairle
CH U M A D H Coinneamh
Ghaidhlig Ard-Chomhairle a’
Chomuinn Ghaidhealaich an
Aitreibh nan Gaidheal, Glaschu,
air Di-haoine, an 24mh 1& de’n
Mhirt. Bha an Ceann-suidhe,
Mgr. Iain M. MacGhille-na-
Brataich, anns a’ chathair agus
bha seachd ar fhichead de na buill
an lathair.
Rinn an Ceann-suidhe iomradh
faireachail air bhs chairdean mar a
leanas:—"Is ann le duilgheadas
mor a chuala sinn gun do chaochail
ar caraid caomh, Domhnall Seath-
ach MacFhionghuin. Cha robh e
ro mhath ’na shlainte o cheann
greis ach bha sinn an diiil ’s an
dbchas gu rachadh e na b’fhearr.
Ach cha robh sin anns an dan,
agus chaill an Comunn deagh
charaid agus fear-oibriche dileas,
durachdach. Is fhada a bhios
sinne, agus gu sonraichte Gaidheil
Dhun-eideann, ,’ga ionndrainn.
Tha e iomchuidh agus ceart gun
cuireamaid a mach bho’n choin-
neimh seo ar co-fhaireachdainn
dh’ionnsaigh a pheathar ’na
h-aonarachd is ’na bron.
‘‘Chaochail, cuideachd, bean-
uasal a bha ’na cul-taic anns gach
obair a tha a’ buntainn ri ar
duthaich agus gu sonraichte ri
cebl ar diithcha, a’ bhean-uasal
A. C. Scott, no, mar a b’fhekrr a
b’aithne dhuinne i, Netta Nic
’Ille Bhain—no Netta Whyte—
nighean an t-s&r-Ghaidheil sin,
‘‘Fionn.’’ Choisinn i gach duals a
b’airde bha aig a’ Chomunn ri
thoirt seachad ann an seinn agus
air son co-chruinneachadh bran
nach robh roimhe ann an clodh.
Bha i cuideachd ’na bean-theagaisg
fo Chomhairle a’ Chraobh-sgaoilidh
ag uidheamachadh cho-fharpaiseach
air son nam Modan Diithchail.
Bidh sinn ’ga h-ionndrainn mar
bhean-uasal chaomh, ro choibhneil,
agus mar cho-oibriche ainmichte
an cor ar tir is ar teanga. ’ ’
Leughadh Gearr-sheanchas na
coinneimh roimhe agus chaidh
gabhail ris.
Thugadh aithisg bho chomh-
choinneimh de Chomhairlean an
Earail agus an lonmhais gun
deach Mgr. Calum MacLebid a
thaghadh mar lar-Rimairc agus
gu robh e a nis air ceann dleas-
danais. Chiiir an Ceann-suidhe
failte chridheil air Mgr. MacLebid
agus ghuidh e gach soirbheachadh
a bhith leis.
Leughadh Gearr-sheanchas air
coinneimh de Chomhairle an
lonmhais. Thug a’ Chomhairle
aithisg gu robh £ \ ,984 thairis air
Mod Inbhir-Nis, an deidh gach
cosdas is saor-dhuaisean a phaidh-
eadh. Bha seo air a mheas fior
mhaith agus rinneadh iomradh
taingeil air an obair uile, gu
h-araidh an Inbhir-Nis, a thug gu
buil cho soirbheachail am Mod
seo. Thug a’ Chomairle aire
churamach ann a bhith a’ faighinn
neach a ghabhadh elite Mhgr.
Greum mar lonmhasair. Tha a’
Chomhairle am beachd gu bheil e
ion-fheumach a chum an obair a
bhith lan eifeachdach gum bi an
Rimaire agus an t-Ionmhasair
air .an aon taigheadas agus gu feu-
mar oidhirp shbnraichte a dhean-
amh gu cairtealan ura fhaighinn.
Dh’aontaich Mgr. Greum fuireach
anns an dreuchd gus an la mu
dheireadh de’n Og-mhios gu
cothrpm a thoirt do’n Chomhairle
ullaChadh freagarrach a dheanamh.
Am Miosachan
LEUGHADH Gearr-sheanchas
air comh-choinneimh de
Chomhairlean an lonmhais
agus a’ Chlbdh-bhualaidh.
Bheachdaich a’ choinneamh seo as
hr air iarrtas na Comhairle
Ghniomhaich mu dheidhinn suidh-
eachadh a’ mhiosachain, An
Gaidheal. Thug iad lan bhreith-
neachadh do’n cheist bho gach
aomadh, air cosdas clbdh-bhual-
aidh, reic is tighinn-a-stigh bho
fhoillseachaidhean. Tha iad ag
clihthachadh mar a leanas:—
(a) Gum hi An Gaidheal air a
chur a mach gach mios mar
aig an am seo.
(6) Gum bi a’ phris se sgillinn
mar aig an am.
(c) Gum bi a’ phris a bhios aig
buill a’ Chomuinn ri
phaidheadh se tasdain (6/-)
sa’ bhliadhna, saor leis a’
phosta.
(d) Gum bi a dhreach mar tha
e aig an hm ach (1) gum bi
e air a lughdachadh gu 16
taobh-duilleig (an earrann
‘‘An Gaidheal Og’’ diubh
seo). (2) Gum bi am
barrachd taobh-duilleag an
clbdh as motha (4 taobh-
duilleig a’ "Ghaidheil Oig”
agus 6 taobh-duilleig an dk
cholbh, a’ chuid eile an
tricuilbh. (3) Ma gheibhear
foillseachaidhean a dhleasas
e, tha cead aig an Fhear-
dheasachaidh am miosachan
a mheudachadh gu 20
taobh-duilleig.
(e) Gun dean An Comunn gu
h-iomlan oidhirp air a’
mhiosachan a reic agus
gun dean buill na Comh¬
airle Ghniomhaich, gu
h-hraidh, oidhirp air
ceathrar an urra fhaighinn
a cheannaicheas am mios¬
achan , cho math ri iad a
phaidheadh cis bhliadhnail
mar bhuill.
(/) Gum bi cis-bhliadhnail a’
Ghaidheil air a phaidheadh
roimh-laimh, bho’n cheud
Ik de’n Og-mhios gus an Ik
mu dheireadh de’n Ghiblein.
Faodar ath-bheachdachadh air
na nithean seo an deidh se
miosan a dhol seachad.
Bheachdaich a’ choinneamh air
tairgsean bho chlodh-bhualadairean
agus an deidh na prisean a sgrudadh
shonraicheadh clodh-bhualadh a’
Ghaidheil a thoirt do’n Chaledon-
ian Press, Glaschu.
Chaidh gabhail ris a’ Ghearr-
sheanchas seo air iarrtas an
Urramaich Tomas M. MacCalmain,
air a chomhnadh leis a’ Cheann-
suidhe.
Leughadh Gearr-sheanchas air
dk choinneimh de Chomhairle a’
Mhoid is a’ Chiiiil. Leig iad seo
ris gu bheil clar-eagair Mod na
h-ath bhliadhna air a shocrachadh
agus gu bheil duil ris na h-6rain
uile a bhith an clodh aig toiseach
an fhoghair. Thugadh aithisg
gun do thairg Mgr. Sutharlan,
Baile nam Frisealach, Cupan airgid
fa chomhar co-fharpais nam fidh-
learan. Ghabh a’ Chomhairle ri
seo le mor thaing agus bidh an
Cupan ’nan lamhan roimh am a’
Mhoid an Dun-omhainn.
Campa Shuardail
EUGHADH Gearr-sheanchas
air coinneimh de Chomhairle
Comunn na h-Oigridh. Thug
Fear-deilbhe na h-Airde Tuath
aithisg gun do chuireadh 482 ball
ri kireamh nam Feachdan anns an
Eilean Sgitheanach, Uibhist a
Deas, agus Barraidh. Bheachd¬
aich a’ Chomhairle a rithis air
Campa aig Suardail bho’n 27mh
la de’n luchar gus an 7mh la de’n
Limasdal. Tha seo air son luchd-
ionnsachaidh Gkidhlig a mhkin
agus tha diiil ri coig caileagan
fichead a bhith ann—deich cailea¬
gan a tha ag gabhail Gkidhlig mar
chuspair an sgoilean Ghlaschu,
agus coig-deug as a’ Cheann Tuath.
Bidh riaghailtean a’ Champa seo
co-ionann ri riaghailtean Campa
Inbhir-Ailleirt.
Chuir Mgr. Aonghas Maclomhair
an Rim a leanas agus air an tug e
rabhadh aig a’ choinneimh roimhe:
—Gum bi Frith-Lagh 32 air a chur
a mach agus na leanas air a chur
’na kite:—"Theid an tuarasdal,
ma bhios a leithid air a thoirt
seachad, a tha ri a phkidheadh
dhaibh-san a dhleasas e mar
dhioladh air son seirbhisean
sonraichte, a shocrachadh leis a’
(An corr air t.d. 62)
— 56 —