Skip to main content

‹‹‹ prev (153) Aireamh 7, SupplementAireamh 7, SupplementGaidheal Og

(155) next ››› Page 27Page 27

(154) Page 26 -
An GaidHeal Og
\;i Baird Ciliaklhealarh a
B’Aitline IHiomil
Le IAIN N. MACLEOID
5. An t-Urr. Domhnall MacCalum
IS ann an uair a bha an t-Urramach Domhnall
MacCalum ’na mhinistear an Sgire nan Loch
an Leodhas a chuir mise eolas air an duine
choir sin an toiseach, ach co an Gaidheal nach
cuala mu gach spairn agus dealas a chleachd e
aig am ar-a-mach nan croitearan Gaidhealach
anns a’ bhliadhna 1882? Is iomadh ceum a
shiubhail e, agus bu lionmhor gach or aid
chomasach a rinn e, ann a bhith brosnachadh
nan Gaidheal an uair a bha iad ri cath gu
buadhmhor air son coirichean an fhearainn a
chur air bonn anns am biodh saorsa aca o
uachdaran agus baillidh.
B’esan aon de’n iarmad bheag do na minis-
tearan Gaidhealach a sheas air taobh nan
croitearan anns a’ chas sin, agus cha do mheas
e idir ’na thamailt a bhith oidhche no dha am
priosan Phort-righeadh air son an coirichean a
chumail suas. Agus, ma fhuair na croiteirean
saorsa agus steidh bhunaiteach air am fearann
troimh Achd nan Croitearan anns a’ bhliadhna
1886, b’esan aon de na diulnaich threuna a rinn
stri gu buadhmhor air son an latha sin a thoirt
mun cuairt.
Bha an t-Urramach Domhnall MacCalum
’na bhard barraichte. Bha e ’na sgoilear
acfhuinneach an Laideann is an Greugais, agus
bu.tric e a’ steidheachadh a ranntaireachd air
na canainean sin, agus, o nach biodh e a’
bonntachadh a bhardachd air fuinn nan bran
Ghaidhlig, cha robh uibhir de fheill orra mar
sin air beul an t-sluaigh. Ach sheall e gu robh
lionsgaradh mor aig a mhac-meanmna an uair a
chuir e ri cheile “Domhnul/an: bardachd an
ceithir earrannan,” anns a bheil cunntas air
gach cruaidh-chas a dh’fhuiling balach Gaidh¬
ealach anns a’ cheud chogadh, agus mar a
bhuannaich e mu dheireadh a’ chaileag air an
robh gaol aige. Gheibhear a’ mhor-chuid de’n
bhardachd eile a rinn e ann am “Bardachd
Leddhais,” agus tha gradh duthcha agus
smuaintean arsaidh anns gach rann a tha sin.
Bha an t-tJrramach Domhnall MacCalum ’na
dhuine coir, iriosal, baidheil. Cha robh speis
aige do neach seach a cheile , agus b’e a sholas
an comhnaidh a bhith deanamh cobhrach air
staid an duine bhochd agus nach ann ris an
t-stri sin a chosg e a bheatha, agus chunnaic e
tomhas mor de thoradh a shaothrach an deir-
eadh a bheatha. Chunnaic e na beannachdan a
thug Achd nan Croitearan do na Gaidheil agus
nach robh esan ag cath gu durachdach air son
an latha sin a thoirt mun cuairt! Chunnaic e
crioch air a chur air moran de na h-eu-ceartan
Am Platapus
Le GILLE-PADRAIG
“ OEALL seo!” arsa Bus-dubh ris an tarbh,
ijagus e sgaoileadh paipear-naidheachd
a thainig a Astralia air a bheulaibh.
“Nach ann agad a tha am paipear mor!”
arsa Blaran; “is fhada o nach fhaca mi an
uibhir sin de thomad am paipear-naidheachd.”
“Tha iad ag innseadh dhomhsa gu bheil iad
nas motha aca an Staitean Aonaichte America.
Ach b’fhiach duit suil mhaith a thoirt air an
fhear seo comhla rium.”
“Agus de an ulaidh a tha agad san fhear seo,
ma ta ? ”
“Tha an creutair neonach seo agus am
Platapus aca air. De air an aon saoghal an
seorsa do am buin e ? ”
‘ ‘ Tha gob air ? ” ars an tarbh.
‘‘Chan ’eil a dhith air,” arsa Bus-dubh;
“mac-samhail gob leathann na tunnaige
lachduinne a bhios mi faicinn am poll Ois.”
‘ ‘Tha ceithir casan air ? ” ars an tarbh.
“Tha sin air co-dhiubh, agus c6 riamh a
chunnaic eun agus ceithir casan air?”
“Tha spogan-snamh air,” ars an tarbh.
“Sin rud nach fhaca mise air ceithir-chasach
eile riamh. Agus, seall, tha earball air
cuideachd! ’ ’
‘ ‘Tha, agus tha fionnadh air mar gum faiceadh
tu air coineineach no rodan. De idir a thainig
air ? ”
“Uill,” ars an tarbh, “an uair a bha mise
anns an Eilean Sgitheanach agus a thigeadh
balach an taobh a bha an teaghlach aig an robh
mi, bhithinn ’gan cluinntinn ag radh, ‘Tha
suilean a mhathair air,’ agus ‘Tha sron athar
air,’ agus ‘Tha fait a sheanar air,’ agus ‘Tha
fiaclan a sheanmhar ann,’ agus ‘Tha casan
moraTain Mhic Ruairidh aige,’ agus is trie a
bhithinn a’ feuchainn an deanainn a mach de
mu’n robh iad. Ach seo a nis fath an
t-seanchais! Sin agadsa beathach is sron no
gob a mhathar air agus casan a sheanmhar air
agus fionnadh athar air, ach caite as an tainig
an t-earball?”
“Chan ’eil an sin ach rud a bhios air gach
creutair cneasda co-dhiubh,” arsa an cuilean,
agus e pasgadh a’ phaipeir gu grobach is e ’ga
thogail ’na bheul agus e toirt dachaidh air, agus
e sior ruith thairis ’na inntinn air eolas an
tairbh—“gob a mhathar air, spogan a shean¬
mhar, agus fionnadh athar!”
a bha an luchd-riaghlaidh, uachdarain agus
seumarlain a’ deanamh air daoine bochda gun
tacas, agus thug sin gu leor solais d’a chridhe
anns gach iomairt bhuadhaich a rinn e. “Caraid
nan Croitearan”—b’e sin an teist a b’fhearr air
an Urramach Domhnall MacCalum.